Ach do mhic nan coileabach a bha aig Abrahàm, thug Abrahàm tìodhlacan; agus chuir e air falbh iad o a mhac Isaac, nuair a bha e fhèin fhathast beò, don taobh an ear, do thìr na h‑àird an ear.
An sin thug Abrahàm suas an deò, agus fhuair e bàs ann an deagh sheann aois, na sheann duine, agus làn de bhliadhnachan; agus chruinnicheadh e a‑chum a mhuinntir.
Agus is iad sin bliadhnachan beatha Ismaeil, ceud agus seachd-bliadhna-deug ar fhichead: agus thug e suas an deò, agus dh’eug e, agus chruinnicheadh e a‑chum a mhuinntir.
Agus bha Isaac dà‑fhichead bliadhna a dh’aois nuair a ghabh e Rebecah, nighean Bhetueil, an Sirianach o Phadan-àram, piuthar Làbain an Sirianach, dha fhèin na mnaoi.
Agus bha a’ chlann a’ strì ri chèile an taobh a‑staigh dhith: agus thubhairt ise, Ma tha a’ chùis mar sin, carson a tha mi mar seo? Agus chaidh i a dh’fhiosrachadh den Tighearna.
Agus thubhairt an Tighearna rithe, Tha dà chinneach ad bholg, agus bidh dà shluagh air an sgaradh od innibh: agus bidh aon sluagh dhiubh seo nas treasa na an sluagh eile; agus nì esan as sine seirbhis dhàsan as òige.
Agus na dhèidh sin thàinig a bhràthair a‑mach, agus greim aig a làimh air sàil Esau; agus thugadh Iàcob mar ainm air: agus bha Isaac trì-fichead bliadhna a dh’aois nuair a rugadh iad.
An sin thug Iàcob do Esau aran, agus brochan de ghall-pheasair; agus dh’ith e, agus dh’òl e, agus dh’èirich e, agus dh’fhalbh e roimhe: mar seo rinn Esau dìmeas air a chòir-bhreithe.