Agus dh’amhairc e, agus, feuch, tobar anns a’ mhachair, agus, feuch bha an sin trì treudan chaorach nan laighe làimh ris; oir as an tobar sin thug iad uisge do na treudan: agus bha clach mhòr air beul an tobair.
Agus chruinnicheadh a dh’ionnsaigh sin na treudan uile; agus charaich iad a’ chlach bhàrr beul an tobair, agus thug iad uisge do na caoraich, agus chuir iad a’ chlach a‑rìs air beul an tobair na h‑àite fhèin.
Agus thubhairt e, Feuch, is e fhathast àirde an là a tha ann, agus cha tàinig idir àm cruinneachadh na sprèidhe; thugaibh-se uisge do na caoraich, agus rachaibh agus ionaltraibh iad.
Agus thubhairt iad, Chan urrainn sinn, gus an cruinnichear na treudan uile an ceann a chèile, agus gus an caraichear a’ chlach bhàrr beul an tobair; an sin bheir sinn uisge do na caoraich.
Agus nuair a chunnaic Iàcob Rachel nighean Làbain, bràthair a mhàthar, agus caoraich Làbain, bràthair a mhàthar, an sin chaidh Iàcob am fagas, agus charaich e a’ chlach bhàrr beul an tobair, agus thug e uisge do chaoraich Làbain, bràthair a mhàthar.
Agus nuair a chuala Làban sgeul Iàcoib, mac a pheathar, an sin ruith e na choinneamh, agus ghabh e na ghlacan e, agus phòg e e, agus thug e da thaigh e: agus dh’innis e do Làban na nithean sin uile.
Agus anns a’ mhadainn, feuch, b’i Lèah a bha ann; agus thubhairt e ri Làban, Ciod e seo a rinn thu orm? Nach ann airson Racheil a rinn mi seirbhis dhut? Agus carson a mheall thu mi?
Agus chaidh e a‑steach cuideachd a dh’ionnsaigh Racheil, agus ghràdhaich e mar an ceudna Rachel nas mò na Lèah, agus rinn e seirbhis maille ris fhathast seachd bliadhna eile.
Agus dh’fhàs Lèah torrach, agus rug i mac, agus thug i Reuben mar ainm air: oir thubhairt i, Gu deimhinn dh’amhairc an Tighearna air m’àmhghar; a‑nis uime sin gràdhaichidh m’fhear mi.
Agus dh’fhàs i torrach a‑rìs, agus rug i mac, agus thubhairt i, A chionn gun cuala an Tighearna gu robh mi air m’fhuathachadh, uime sin thug e dhomh am mac seo cuideachd: agus thug i Simeon mar ainm air.
Agus dh’fhàs i torrach a‑rìs, agus rug i mac; agus thubhairt i, A‑nis anns an uair seo, dlùth-leanaidh m’fhear rium, do bhrìgh gun do rug mi dha triùir mhac: uime sin thug i Lèbhi mar ainm air.
Agus dh’fhàs i torrach a‑rìs, agus rug i mac; agus thubhairt i, A‑nis molaidh mi an Tighearna: uime sin thug i Iùdah mar ainm air. Agus sguir i de bhreith cloinne.