Agus ghairm Iàcob air a mhic, agus thubhairt e, Cruinnichibh sibh fhèin an ceann a chèile, a‑chum is gun innis mi dhuibh ciod a thàrlas dhuibh anns na làithean deireannach.
Nan diamhaireachd na tigeadh m’anam-sa: rin coitheanal na biodh m’onair-sa air a h‑aonadh: oir nan corraich mharbh iad duine, agus nam fèin-thoil leag iad sìos balla.
Mallaichte gu robh an corraich, oir bha i garg; agus am fearg, oir bha i an‑iochdmhor: roinnidh mi iad ann an Iàcob, agus sgaoilidh mi iad ann an Israel.
Is cuilean leòmhainn Iùdah; on chobhartaich, a mhic, chaidh thu suas; chrom e e fhèin sìos, chrùb e mar leòmhann, agus mar sheann leòmhann; cò a dhùisgeas suas e?
A’ ceangal a shearraich ris an fhìonain, agus loth a asail ris an fhìonain thaghte; nigh e a aodach ann am fìon, agus a thrusgan ann am fuil nam fìondhearc:
Agus chunnaic e gum bu mhath an nì fois, agus gu robh am fearann taitneach; agus chrom e a ghualainn gu iomchar, agus rinneadh e na sheirbhiseach do chìs.
Eadhon le Dia d’athar, a nì còmhnadh leat, agus leis an Uile-chumhachdach, a bheannaicheas thu le beannachdan nèimh on àirde, beannachdan na doimhne shìos, beannachdan nan cìoch, agus na bronn.
Thug beannachdan d’athar barrachd air beannachdan mo shinnsearan, gu ruig foir-iomall nan sliabh sìorraidh; bidh iad air ceann Iòseiph agus air mullach a chinn-san a sgaradh o a bhràithrean.
Is iad sin uile dà‑threubh-dheug Israeil: agus is e seo an nì a labhair an athair riu, agus bheannaich e iad; gach aon aca a rèir a bheannachaidh, bheannaich e iad.
Agus dh’àithn e dhaibh, agus thubhairt e riu, Cruinnichear mise a‑chum mo dhaoine: adhlaicibh mi maille rim athraichean anns an uaimh a tha ann an achadh Ephroin an t‑Hiteach;
Anns an uaimh a tha ann an achadh Mhachpelah, a tha fa chomhair Mhamre, ann an tìr Chanàain, a cheannaich Abrahàm maille ris an achadh o Ephron an t‑Hiteach, mar sheilbh àit-adhlaic.
Agus nuair a chrìochnaich Iàcob àitheantan a thoirt da mhic, chruinnich e a chasan suas don leabaidh, agus chaochail e, agus chruinnicheadh e a‑chum a dhaoine.