Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| A‑nis an dèidh bàs Shauil, thill Daibhidh o àr nan Amaleceach, agus dh’fhan Daibhidh ann an Siclag dà là. |
| 2 |
| Agus air an treas là, feuch, thàinig duine as a’ champ o Shaul, agus a aodach reubte, agus ùir air a cheann: agus nuair a thàinig e a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, thuit e air an talamh, agus rinn e ùmhlachd. |
| 3 |
| Agus thubhairt Daibhidh ris, Cia as a tha thu air teachd? Agus thubhairt esan ris, A camp Israeil theich mi. |
| 4 |
| Agus thubhairt Daibhidh ris, Ciod a thachair? Innis dhomh, guidheam ort. Agus fhreagair e, Theich an sluagh on chath, agus cuideachd tha mòran den t‑sluagh air tuiteam agus marbh; agus mar an ceudna tha Saul agus a mhac Ionatan marbh. |
| 5 |
| Agus thubhairt Daibhidh ris an òganach a dh’innis dha, Cionnas a tha fhios agad gu bheil Saul agus a mhac Ionatan marbh? |
| 6 |
| Agus thubhairt an t‑òganach a dh’innis dha, Thachair dhòmhsa a bhith air sliabh Ghilbòa, agus, feuch, bha Saul a’ leigeil a thaice ra shleagh, agus, feuch, lean na carbadan agus am marc-shluagh gu dian na dhèidh. |
| 7 |
| Agus nuair a dh’amhairc e na dhèidh, chunnaic e mise, agus ghairm e orm: agus fhreagair mi, Tha mi an seo. |
| 8 |
| Agus thubhairt e rium, Cò thusa? Agus fhreagair mise e, Is Amaleceach mi. |
| 9 |
| Thubhairt e rium a‑rìs, Seas orm, guidheam ort, agus marbh mi: oir ghlac teanntachd mi, do bhrìgh gu bheil mo bheatha fhathast gu h‑iomlan annam. |
| 10 |
| Agus sheas mi air, agus mharbh mi e, a chionn gu robh fhios agam nach biodh e beò an dèidh dha tuiteam; agus ghabh mi an crùn a bha air a cheann, agus an làmh-fhail a bha air a ghàirdean, agus thug mi an seo iad a dh’ionnsaigh mo thighearna. |
| 11 |
| An sin rug Daibhidh air a aodach, agus reub e e, agus mar an ceudna na daoine uile a bha maille ris. |
| 12 |
| Agus rinn iad caoidh, agus ghuil iad, agus thraisg iad gu feasgar, airson Shauil, agus airson a mhic Ionatan, agus airson sluagh an Tighearna, agus airson taigh Israeil, do bhrìgh gun do thuit iad leis a’ chlaidheamh. |
| 13 |
| Agus thubhairt Daibhidh ris an òganach a dh’innis dha, Cia as dhutsa? Agus fhreagair esan, Is mac coigrich Amalecich mi. |
| 14 |
| Agus thubhairt Daibhidh ris, Cionnas nach robh eagal ort do làmh a shìneadh a‑mach a mharbhadh aon ungte an Tighearna? |
| 15 |
| Agus ghairm Daibhidh air aon de na h‑òganaich, agus thubhairt e, Thig am fagas, agus leum air. Agus bhuail e e, agus fhuair e bàs. |
| 16 |
| Agus thubhairt Daibhidh ris, Biodh d’fhuil air do cheann fhèin, oir thug do bheul fianais ad aghaidh, ag ràdh, Mharbh mi aon ungte an Tighearna. |
| 17 |
| Agus rinn Daibhidh caoidh leis a’ chumha seo os cionn Shauil, agus os cionn a mhic Ionatan: |
| 18 |
| (Agus dh’àithn e gun ionnsaicheadh iad do chloinn Iùdah tilgeadh le bogha: feuch, tha e sgrìobhte ann an leabhar Iaseir;) |
| 19 |
| O mhaise Israeil, air do lotadh air d’àitean àrda! Cionnas a thuit na cumhachdaich! |
| 20 |
| Na innsibh e ann an Gat, na cuiribh an cèill e ann an sràidean Asceloin; air eagal gum bi nigheanan nam Philisteach aoibhneach, air eagal gun dèan nigheanan nan neo-thimcheall-gheàrrte luathghaire. |
| 21 |
| A shlèibhtean Ghilbòa, na biodh drùchd no uisge oirbh; no oirbhse, achaidhean thabhartas; oir an sin thilgeadh gu tàireil air falbh sgiath nan cumhachdach, sgiath Shauil, mar nach biodh e ungte le ola. |
| 22 |
| O fhuil nam marbh, o shaill nan cumhachdach, cha do thionndaidh bogha Ionatain air ais; agus cha do thill claidheamh Shauil gu faoin. |
| 23 |
| Bha Saul agus Ionatan gràdhach agus taitneach nam beatha, agus nam bàs cha do sgaradh iad: bu luaithe iad na iolairean, bu treasa iad na leòmhainn. |
| 24 |
| A nigheanan Israeil, guilibh airson Shauil, a dh’èidich sibh ann an sgàrlaid le aoibhneas, a chuir òr‑ghreus air ur n‑aodach. |
| 25 |
| Cionnas a thuit na cumhachdaich am meadhon a’ chatha! O, a Ionatain, air d’àitean àrda mharbhadh thu! |
| 26 |
| Tha cràdh orm air do shon, mo bhràthair, a Ionatain: ro‑thaitneach bha thu dhòmhsa: b’iongantach do ghràdh dhòmhsa, a’ toirt barrachd air gràdh nam ban. |
| 27 |
| Cionnas a thuit na cumhachdaich, agus a chaidh as do airm a’ chogaidh! |
|
| Sàbhail na notaichean |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/2samuel/001.mp3
24
1