Agus bhuail e na Mòabaich, agus thomhais e iad le còrd, gan tilgeadh sìos gu làr: eadhon le dà chòrd thomhais e a thabhairt bàis, agus le aon chòrd iomlan a ghleidheadh beò. Agus bha na Mòabaich nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad tìodhlacan leo.
Agus thug Daibhidh uaithe mìle carbad, agus seachd ceud marcaiche, agus fichead mìle coisiche: agus gheàrr Daibhidh speirean eich nan carbad uile, ach dh’fhàg e dhiubh dìol ceud carbad.
An sin chuir Daibhidh freiceadain ann an Siria Dhamascais: agus bha na Sirianaich nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad leo tìodhlacan: agus ghlèidh an Tighearna Daibhidh gach taobh a chaidh e.
An sin chuir Toi a mhac Ioram gu rìgh Daibhidh, a chur fàilte air, agus ga bheannachadh, a chionn gun do chog e ri Hadadeser, agus gun do bhuail e e: (oir bha cogadh aig Hadadeser ri Toi:) agus na làimh bha soithichean airgid, agus soithichean òir, agus soithichean umha.
Agus chuir e freiceadain ann an Edom: air feadh Edoim uile chuir e freiceadain; agus bha na h‑Edomaich uile nan seirbhisich aig Daibhidh: agus ghlèidh an Tighearna Daibhidh gach taobh a chaidh e.