Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| Anns an àm sin bha Abiah, mac Ierobòaim, gu tinn. |
| 2 |
| Agus thubhairt Ierobòam ra mhnaoi, Eirich a‑nis, agus cuir thu fhèin ann an coslas eile, air chor is nach aithnich iad gur tu bean Ierobòaim; agus imich do Shiloh: feuch, an sin tha Ahiah am fàidh, a dh’innis dhòmhsa gum bithinn am rìgh air an t‑sluagh seo. |
| 3 |
| Agus thoir leat ad làimh deich buileannan, agus breacagan, agus soitheach meala, agus falbh da ionnsaigh: innsidh esan dhut ciod a dh’èireas don leanabh. |
| 4 |
| Agus rinn bean Ierobòaim mar sin, agus dh’èirich i, agus chaidh i do Shiloh, agus thàinig i gu taigh Ahiah: ach cha b’urrainn Ahiah nì fhaicinn, oir dhorchaicheadh a shùilean le aois. |
| 5 |
| Agus thubhairt an Tighearna ri Ahiah, Feuch, tha bean Ierobòaim a’ teachd a dh’iarraidh nì ort a‑thaobh a mic, oir tha e gu tinn: mar seo agus mar seo labhraidh tu rithe; oir tàrlaidh, nuair a thig i a‑steach, gun gabh i oirre fhèin gur bean eile i. |
| 6 |
| Agus thàrladh, nuair a chuala Ahiah fuaim a cas, agus i a’ teachd a‑steach air an doras, gun dubhairt e, Thig a‑steach, a bhean Ierobòaim: carson a tha thu a’ gabhail ort gur bean eile thu? Ach chuireadh mise ad ionnsaigh le teachdaireachd chruaidh. |
| 7 |
| Falbh, innis do Ierobòam, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh: A chionn gun d’àrdaich mise thu à meadhon an t‑sluaigh, agus gun do chuir mi thu ad cheannard air mo shluagh Israel, |
| 8 |
| Agus gun do reub mi an rìoghachd o thaigh Dhaibhidh agus gun tug mi dhutsa i; agus gidheadh nach robh thu mar m’òglach Daibhidh, a ghlèidh m’àitheantan, agus a lean mi le a uile chridhe, a dhèanamh an nì sin a‑mhàin a bha ceart ann am shùilean-sa; |
| 9 |
| Ach gun do rinn thu olc os cionn nan uile a bha romhad, agus gun deachaidh tu agus gun do rinn thu dhut fhèin diathan eile, agus dealbhan leaghte, gu fearg a chur ormsa; agus gun do thilg thu mi air do chùlaibh: |
| 10 |
| Uime sin, feuch, bheir mise olc air taigh Ierobòaim, agus gearraidh mi as o Ierobòam esan a nì uisge ri balla, esan a dhruideadh a‑steach agus a dh’fhàgadh ann an Israel; agus bheir mi air falbh fuidheall taigh Ierobòaim, mar a bheir neach air falbh aolach gus an teirig e. |
| 11 |
| Esan a gheibh bàs de Ierobòam anns a’ bhaile, ithidh na madraidh e: agus esan a gheibh bàs anns a’ mhachair, ithidh eunlaith an adhair e: oir labhair an Tighearna e. |
| 12 |
| Uime sin èirich thusa, imich dod thaigh fhèin: nuair a thèid do chasan a‑steach don bhaile, gheibh an leanabh bàs. |
| 13 |
| Agus nì Israel uile caoidh air a shon, agus adhlaicidh iad e: oir thèid esan a‑mhàin o Ierobòam a dh’ionnsaigh na h‑uaighe; a chionn gun d’fhuaireadh ann nì math a‑thaobh an Tighearna, Dia Israeil, ann an taigh Ierobòaim. |
| 14 |
| Os bàrr, togaidh an Tighearna suas dha fhèin rìgh air Israel, a ghearras as taigh Ierobòaim air an là sin: ach ciod? A‑nis fhèin. |
| 15 |
| Agus buailidh an Tighearna Israel, mar a ghluaisear cuilc anns an uisge, agus spìonaidh e Israel as an fhearann mhath seo, a thug e dan athraichean, agus sgapaidh e iad air an taobh thall den abhainn; a chionn gun do rinn iad an doireachan, a’ cur feirge air an Tighearna. |
| 16 |
| Agus bheir e thairis Israel, airson peacaidhean Ierobòaim, a pheacaich, agus a thug air Israel peacachadh. |
| 17 |
| Agus dh’èirich bean Ierobòaim, agus dh’imich i, agus thàinig i gu Tirsah: agus nuair a chaidh i a‑steach air stairsnich an taighe, fhuair an leanabh bàs. |
| 18 |
| Agus dh’adhlaic iad e, agus rinn Israel uile caoidh air a shon, a rèir facal an Tighearna, a labhair e le làimh a òglaich fhèin Ahiah am fàidh. |
| 19 |
| Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Ierobòaim, mar a chog, agus mar a rìghich e, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil. |
| 20 |
| Agus b’iad na làithean a rìghich Ierobòam dà bhliadhna ar fhichead; agus chaidil e maille ra athraichean, agus rìghich Nàdab a mhac na àite. |
| 21 |
| Agus rìghich Rehobòam mac Sholaimh ann an Iùdah. Bha Rehobòam bliadhna agus dà‑fhichead a dh’aois nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e seachd-bliadhna-deug ann an Ierusalem, am baile a thagh an Tighearna à uile threubhan Israeil, a chur a ainme an sin: agus b’e ainm a mhàthar Nàamah, ban-Amonach. |
| 22 |
| Agus rinn Iùdah olc ann an sùilean an Tighearna, agus bhrosnaich iad e gu eud lem peacaidhean, a rinn iad os cionn nan uile a rinn an athraichean: |
| 23 |
| Oir thog iadsan mar an ceudna àitean àrda dhaibh fhèin, agus dealbhan, agus doireachan, air gach cnoc àrd, agus fo gach craoibh uaine. |
| 24 |
| Agus bha mar an ceudna Sòdomaich anns an tìr: rinn iadsan a rèir uile ghràinealachd nan cinneach, a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil. |
| 25 |
| Agus anns a’ chòigeamh bliadhna de rìgh Rehobòam, thàinig Sisac rìgh na h‑Eiphit a‑nìos an aghaidh Ierusaleim: |
| 26 |
| Agus thug e leis ionmhasan taigh an Tighearna, agus ionmhasan taigh an rìgh; bhuin e leis eadhon an t‑iomlan: agus thug e leis na sgiathan òir uile a rinn Solamh. |
| 27 |
| Agus rinn rìgh Rehobòam sgiathan umha nan àit, agus thug e thairis iad gu làimh ceannard an fhreiceadain a ghlèidh doras taigh an rìgh. |
| 28 |
| Agus nuair a chaidh an rìgh a‑steach do thaigh an Tighearna, dh’iomchair am freiceadan iad, agus thug iad air an ais iad gu seòmar an fhreiceadain. |
| 29 |
| Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Rehobòaim, agus na h‑uile nithean a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah? |
| 30 |
| Agus bha cogadh eadar Rehobòam agus Ierobòam rè an làithean uile. |
| 31 |
| Agus chaidil Rehobòam maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh: agus b’e ainm a mhàthar Nàamah, ban-Amonach. Agus rìghich Abiam a mhac na àite. |
|
| Sàbhail na notaichean |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/1kings/014.mp3
22
14