Agus thubhairt Eliah an Tisbitheach, a bha de luchd-àiteachaidh Ghilead, ri Ahab, Mar as beò an Tighearna Dia Israeil, an làthair a bheil mise am sheasamh, cha bhi anns na bliadhnachan seo drùchd no uisge ann ach a rèir m’fhacail-sa.
Agus dh’èirich e, agus chaidh e do Sharephat: agus nuair a thàinig e gu geata a’ bhaile, feuch, bha a’ bhantrach an sin a’ tional bhioran; agus ghairm e oirre, agus thubhairt e, Thoir am ionnsaigh, guidheam ort, beagan uisge ann an soitheach, a‑chum gun òl mi.
Agus thubhairt ise, Mar as beò an Tighearna do Dhia, chan eil breacag agam, ach làn an dùirn de mhin ann an soitheach, agus beagan ola ann an còrn: agus, feuch, tha mi a’ tional biorain no dhà, a‑chum gun tèid mi a‑steach, agus gun deasaich mi e dhomh fhèin agus dom mhac, agus gun ith sinn e, agus gum faigh sinn bàs.
Agus thubhairt Eliah rithe, Na biodh eagal ort; falbh, dèan a rèir d’fhacail; ach dèan dhòmhsa dhiubh sin breacag bheag an toiseach, agus thoir am ionnsaigh i, agus dhut fhèin agus dod mhac deasaich na dhèidh sin:
Oir mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Cha chaithear an soitheach mine, agus cha teirig an còrn ola, gus an là anns an cuir an Tighearna uisge air aghaidh na talmhainn.
Agus thachair an dèidh nan nithean sin gun d’fhàs mac na mnà, eadhon bean an taighe, gu tinn; agus bha a thinneas cho trom is nach d’fhàgadh anail ann.
Agus thubhairt i ri Eliah, Ciod e mo ghnothach-sa riut, a dhuine le Dia? An tàinig thu am ionnsaigh a chur mo pheacaidh an cuimhne, agus a mharbhadh mo mhic?
Agus thubhairt esan rithe, Thoir dhòmhsa do mhac. Agus ghlac e as a h‑uchd e, agus thug e suas e do sheòmar uachdarach, anns an robh e fhèin a’ fantainn, agus chuir e na laighe air a leabaidh fhèin e.
Agus dh’èigh e ris an Tighearna, agus thubhairt e, A Thighearna mo Dhia, an tug thu mar an ceudna olc air a’ bhantraich aig a bheil mi air aoigheachd, le a mac a mharbhadh?
Agus shìn e e fhèin air an leanabh trì uairean, agus dh’èigh e ris an Tighearna, agus thubhairt e, A Thighearna mo Dhia, thigeadh, guidheam ort, anam an leinibh seo a‑steach ann a‑rìs.
Agus ghlac Eliah an leanabh, agus thug e sìos e as an t‑seòmar uachdarach don taigh, agus thug e da mhàthair e: agus thubhairt Eliah, Feuch, tha do mhac beò.