(Agus thubhairt rìgh Israeil ra sheirbhisich, Nach eil fhios agaibh gur leinne Ramot ann an Gilead? Agus gidheadh tha sinn gun ghuth againn air a ghlacadh à làimh rìgh Shiria.)
Agus thubhairt e ri Iehosaphat, An tèid thu maille riumsa gu cath do Ramot-gilead? Agus thubhairt Iehosaphat ri rìgh Israeil, Tha mise mar a tha thusa, mo shluagh-sa mar do shluagh-sa, m’eich-sa mar d’eich-sa.
Uime sin chruinnich rìgh Israeil na fàidhean an ceann a chèile, mu thimcheall ceithir cheud fear, agus thubhairt e riu, An tèid mi an aghaidh Ramot-gilead gu cath, no an leig mi leis? Agus thubhairt iadsan, Falbh suas, oir bheir an Tighearna an làimh an rìgh e.
Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Tha fhathast aon fhear ann, Micaiah mac Imlah, leis an faod sinn fiosrachadh den Tighearna; ach tha fuath agam dha, oir cha mhath a chuireas e air mo mhanadh-sa, ach olc. Agus thubhairt Iehosaphat, Na abradh an rìgh mar sin.
Agus shuidh rìgh Israeil, agus Iehosaphat rìgh Iùdah, gach fear air a rìgh-chathair fhèin, len earradh rìoghail orra, ann an àite rèidh, ann an dol a‑steach geata Shamaria, agus na fàidhean uile ri fàidheadaireachd nam fianais.
Agus rinn Sedeciah mac Chenaanah adhaircean iarainn dha fhèin, agus thubhairt e, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Leo seo buailidh tu na Sirianaich, gus an cuir thu as dhaibh.
Agus an teachdaire a chaidh a ghairm Mhicaiah, labhair e ris, ag ràdh, Feuch a‑nis, tha briathran nam fàidh le aon bheul a’ foillseachadh maith don rìgh: biodh d’fhacal-sa, guidheam ort, mar fhacal aoin dhiùbhsan, agus labhair an nì a tha math.
Agus thàinig e a dh’ionnsaigh an rìgh, agus thubhairt an rìgh ris, A Mhicaiah, an tèid sinn do Ramot-gilead gu cath, no an leig sinn leis? Agus thubhairt esan ris, Falbh suas, agus soirbhich; oir bheir an Tighearna an làimh an rìgh e.
Agus thubhairt esan, Chunnaic mi Israel uile sgapte air na slèibhtean, mar chaoraich aig nach eil buachaille: agus thubhairt an Tighearna, Chan eil maighistir orra seo: tilleadh gach fear dhiubh da thaigh fhèin ann an sìth.
Agus thubhairt esan, Uime sin èisd thusa ri facal an Tighearna: Chunnaic mise an Tighearna na shuidhe air a rìgh-chathair, agus uile shlòigh nan nèamh nan seasamh làimh ris, air a làimh dheis agus air a làimh chlì.
Agus thubhairt an Tighearna, Cò a chuireas impidh air Ahab, a‑chum is gun tèid e suas, agus gun tuit e ann an Ramot-gilead? Agus thubhairt aon mar seo, agus aon eile mar siud.
Agus thubhairt an Tighearna ris, Cò leis? Agus thubhairt esan, Thèid mi a‑mach, agus bidh mi am spiorad brèige ann am beul a fhàidhean uile. Agus thubhairt e, Cuiridh tu impidh air, agus mar an ceudna buadhaichidh tu: falbh a‑mach, agus dèan mar sin.
Agus chaidh Sedeciah mac Chenaanah am fagas, agus bhuail e Micaiah air a ghiall, agus thubhairt e, Cia an taobh a chaidh spiorad an Tighearna uamsa a labhairt riutsa?
Agus abraibh, Mar seo thubhairt an rìgh, Cuiribh am fear seo anns a’ phrìosan, agus beathaichibh e le aran airce, agus le uisge airce, gus an tig mise ann an sìth.
Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Cuiridh mise mi fhèin ann an coslas eile, agus thèid mi a‑steach don chath; ach cuir thusa d’earradh rìoghail ort. Agus chuir rìgh Israeil e fhèin ann an coslas eile, agus chaidh e a‑steach don chath.
Ach dh’àithn rìgh Shiria don dà‑cheannard-deug ar fhichead a bha os cionn a charbad, ag ràdh, Na cogaibh ris a’ bheag no ris a’ mhòr, ach ri rìgh Israeil na aonar.
Agus nuair a chunnaic ceannardan nan carbad Iehosaphat, thubhairt iad, Gu cinnteach is e seo rìgh Israeil. Agus thionndaidh iad a lethtaobh a chogadh na aghaidh: agus ghlaodh Iehosaphat a‑mach.
Agus tharraing fear a bhogha air thuairmeis, agus bhuail e rìgh Israeil eadar uilt na lùirich: uime sin thubhairt e ra charbadair, Tionndaidh do làmh, agus thoir a‑mach as an fheachd mi; oir tha mi air mo lotadh.
Agus mheudaich an cath air an là sin: agus chumadh an rìgh suas na charbad an aghaidh nan Sirianach, agus fhuair e bàs mu fheasgar; agus ruith an fhuil a‑mach as an lot gu meadhon a’ charbaid.
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Ahaib, agus na h‑uile nithean a rinn e, agus an taigh de fhiaclan elephant a thog e, agus na bailtean uile a thog e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil?
Bha Iehosaphat còig-bliadhna-deug ar fhichead a dh’aois nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e còig-bliadhna-fichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Asubah, nighean Shilhi.
Agus ghluais e ann an uile shlighean Asa a athair; cha do chlaon e uapa, a’ dèanamh an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna: gidheadh, cha tugadh air falbh na h‑àitean àrda, oir fhathast dh’ìobair an sluagh, agus loisg iad tùis anns na h‑àitean àrda.
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iehosaphat, agus a thrèine a dh’fheuch e, agus cionnas a chog e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah?
Agus thubhairt Ahasiah mac Ahaib ri Iehosaphat, Rachadh mo sheirbhisich-sa maille rid sheirbhisich-sa anns na longan: ach cha b’àill le Iehosaphat sin.
Agus chaidil Iehosaphat maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh, a athair: agus rìghich Iehoram a mhac na àite.
Thòisich Ahasiah mac Ahaib air rìoghachadh os cionn Israeil ann an Samaria anns an t‑seachdamh-bliadhna-deug de Iehosaphat rìgh Iùdah, agus rìghich e os cionn Israeil dà bhliadhna.
Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, agus ghluais e ann an slighe a athar, agus ann an slighe a mhàthar, agus ann an slighe Ierobòaim mhic Nebait, a thug air Israel peacachadh: