Agus chuir Hiram, rìgh Thìruis, a sheirbhisich a dh’ionnsaigh Sholaimh, nuair a chuala e gun d’ungadh e na rìgh an àit a athar: oir bha spèis aig Hiram do Dhaibhidh rè a uile làithean.
Tha fhios agad cionnas nach b’urrainn m’athair Daibhidh taigh a thogail do ainm an Tighearna a Dhia, airson a’ chogaidh leis an do chuartaich a naimhdean e, gus an do chuir an Tighearna iad fo bhonnan a chas.
Agus, feuch, tha mi a’ cur romham taigh a thogail do ainm an Tighearna mo Dhia, mar a labhair an Tighearna rim athair Daibhidh, ag ràdh, Do mhac a chuireas mise ann ad àit air do rìgh-chathair, togaidh esan taigh dom ainm-sa.
A‑nis uime sin, àithn thusa gun geàrr iad dhòmhsa craobhan seudair à Lebanon; agus bidh mo sheirbhisich-sa maille rid sheirbhisich-sa: agus tuarasdal do sheirbhiseach bheir mise dhut, a rèir gach nì a dh’ainmicheas tu: oir tha fhios agad nach eil nar measg-ne duine don aithne fiodh a ghearradh mar na Sìdonaich.
Agus nuair a chuala Hiram briathran Sholaimh, bha aoibhneas mòr air, agus thubhairt e, Guma beannaichte an Tighearna an‑diugh, a thug do Dhaibhidh mac glic os cionn an t‑sluaigh lìonmhoir seo.
Agus chuir Hiram fios gu Solamh, ag ràdh, Chuala mi na nithean mun do chuir thu fios am ionnsaigh: nì mi d’uile thoil a‑thaobh nan craobh seudair agus a‑thaobh nan craobh giuthais.
Bheir mo sheirbhisich sìos iad o Lebanon a dh’ionnsaigh na mara: agus cuiridh mi air falbh iad nan ràthan air muir, gu ruig an t‑àit a shònraicheas tu dhomh, agus cuiridh mi air tìr iad an sin, agus bheir thusa leat iad; agus nì thu mo riar ann am biadh a thabhairt dom theaghlach.
Agus thug Solamh do Hiram fichead mìle tomhas cruithneachd mar lòn da theaghlach, agus fichead tomhas de ola fhìorghlain: mar seo thug Solamh do Hiram o bhliadhna gu bliadhna.
Agus chuir e iad do Lebanon, deich mìle anns a’ mhìos mu seach: mìos bha iad ann an Lebanon, agus dà mhìos nan taighean fhèin: agus bha Adoniram air ceann na togail.
A thuilleadh air àrd luchd-dreuchd Sholaimh, a bha os cionn na h‑obrach, trì mìle agus trì cheud, aig an robh uachdaranachd air an t‑sluagh a bha a’ dèanamh na h‑obrach.
Agus shnaidh clachairean Sholaimh, agus clachairean Hiraim, agus na gearradairean-chlach iad: mar sin rè trì bliadhna dheasaich iad fiodh agus clachan a thogail an taighe.