Agus anns a’ cheathramh ceud agus an ceathramh-fichead bliadhna o theachd chloinn Israeil a‑mach à tìr na h‑Eiphit, anns a’ cheathramh bliadhna de rìoghachadh Sholaimh os cionn Israeil, anns a’ mhìos Siph, (is e sin an dara mìos,) thòisich e air taigh a thogail don Tighearna.
Agus an taigh a thog rìgh Solamh don Tighearna, b’e trì-fichead làmh-choille a fhad, agus fichead làmh-choille a leud, agus deich-ar‑fhichead làmh-choille a àirde.
Agus an sgàth-thaigh air beulaibh teampall an taighe, b’e fichead làmh-choille a fhad, a rèir leud an taighe; agus deich làmhan-coille a leud, air beulaibh an taighe.
Agus thog e ri balla an taighe seòmraichean mun cuairt, ri ballachan an taighe mun cuairt, araon an teampaill agus a’ ghuth-àit; agus rinn e frith-sheòmraichean mun cuairt.
Bha an seòmar ìochdarach còig làmhan-coille air leud, agus an seòmar meadhonach sia làmhan-coille air leud, agus an treas seòmar seachd làmhan-coille air leud, oir thug e a‑steach balla an taighe mun cuairt on taobh a‑muigh, air chor is nach rachadh na sailthean an greim ann am balla an taighe.
Agus nuair a bha an taigh ga thogail, thogadh e de chlachan air an cumadh mun tugadh da ionnsaigh iad: agus cha chualas òrd no tuagh, no inneal iarainn sam bith, anns an taigh, nuair a bha e ga thogail.
Bha doras an t‑seòmair mheadhonaich air taobh deas an taighe: agus air staidhrichean snìomhainn chaidh iad suas don t‑seòmar mheadhonach don treas seòmar.
A‑thaobh an taighe seo a tha thu a’ togail, ma ghluaiseas tu ann am reachdan-sa, agus ma chuireas tu mo bhreitheanais an gnìomh, agus ma ghleidheas tu m’àitheantan uile le gluasad annta: an sin coileanaidh mise m’fhacal dhut, a labhair mi ri Daibhidh d’athair:
Agus thog e ballachan an taighe air an taobh a‑staigh le clàir seudair, o ùrlar an taighe gu ruig mullach nam ballachan chòmhdaich e iad le fiodh a‑staigh: agus chòmhdaich e ùrlar an taighe le clàir giuthais.
Agus thog e fichead làmh-choille ri taobhan an taighe le clàir seudair, on ùrlar gu ruig mullach nam ballachan; agus thog e dha iad air an taobh a‑staigh, eadhon don ghuth-àit, don ionad ro‑naomh.
Agus ann an taobh-beòil a’ ghuth-àit bha fichead làmh-choille air fad, agus fichead làmh-choille air leud, agus fichead làmh-choille air àirde; agus chòmhdaich e e le òr fìorghlan: chòmhdaich e cuideachd an altair le seudar.
Agus chòmhdaich Solamh an taigh a‑staigh le òr fìorghlan: agus rinn e balla-dealachaidh le slabhraidhean òir air beulaibh a’ ghuth-àit, agus chòmhdaich e le òr e.
Agus chòmhdaich e an taigh uile le òr, gus an do chrìochnaicheadh an taigh uile: mar an ceudna an altair uile, a bha làimh ris a’ ghuth-àit, chòmhdaich e le òr.
Agus bha còig làmhan-coille ann an aon sgèith a’ cheruib, agus còig làmhan-coille ann an sgèith eile a’ cheruib: bha deich làmhan-coille o bhàrr aon sgèith aige gu bàrr a sgèith eile.
Agus chuir e na ceruban anns an taigh a b’fhaide a‑staigh; agus shìn na ceruban an sgiathan a‑mach, air chor is gun do bhean sgiath aon cheruib ri aon bhalla, agus sgiath a’ cheruib eile ris a’ bhalla eile; agus bhean an sgiathan ri chèile ann am meadhon an taighe.
Bha an dà chòmhla mar an ceudna de chrann-ola; agus gheàrr e orra dealbhan cheruban, agus chraobhan-pailme, agus bhlàthan fosgailte, agus chòmhdaich e le òr iad; agus sgaoil e òr air na ceruban, agus air na craobhan-pailme.
Agus anns an aon-bhliadhna-deug, anns a’ mhìos Bul (is e sin an t‑ochdamh mìos), chrìochnaicheadh an taigh na earrannan uile, agus a rèir a chumaidh uile. Agus bha e seachd bliadhna ga thogail.