Agus thubhairt Daibhidh ri uile cho-chruinneachadh Israeil, Ma chìthear iomchaidh dhuibh, agus gur ann on Tighearna ar Dia a tha a’ chùis, cuireamaid fios a‑mach a dh’ionnsaigh ar bràithrean anns gach àite, a dh’fhàgadh ann an uile thìr Israeil, agus maille riùsan a dh’ionnsaigh nan sagart agus nan Lèbhitheach a tha nam bailtean lem fearann co‑roinn, iad gan cruinneachadh fhèin thugainn.
Agus chaidh Daibhidh suas, agus Israel uile do Bhàalah, eadhon gu Ciriat-iearim a bhuineadh do Iùdah, a thabhairt leo as a sin àirc Dhè an Tighearna, a tha a chòmhnaidh eadar na ceruban, air an gairmear a ainm.
Agus chluich Daibhidh agus Israel uile am fianais Dhè len uile neart, eadhon le laoidhean, agus le clàrsaichean, agus le saltairean, agus le tiompanan, agus le ciombalan, agus le trompaidean.
Agus bha doilgheas air Daibhidh a chionn gun do rinn an Tighearna briseadh air Usa: agus thug e Peres-usa mar ainm air an àite sin gu ruig an là‑an‑diugh.