Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| Agus sheas Sàtan suas an aghaidh Israeil, agus bhrosnaich e Daibhidh gu Israel àireamh. |
| 2 |
| Agus thubhairt Daibhidh ri Ioab, agus ri uachdaran an t‑sluaigh, Rachaibh, àirmhibh Israeil o Bheer-sèba eadhon gu Dan; agus thugaibh an àireamh am ionnsaigh-sa, a‑chum gum bi fhios agam air. |
| 3 |
| Agus fhreagair Ioab, Gun dèanadh an Tighearna a shluagh fhèin ceud uair nas lìonmhoire na tha iad. Ach, mo thighearna a rìgh, nach iad seirbhisich mo thighearna iad uile? Carson mas eadh a tha mo thighearna ag iarraidh an nì seo? Carson a bhios e na adhbhar cionta do Israel? |
| 4 |
| Gidheadh, bhuadhaich facal an rìgh an aghaidh Ioaib: uime sin dh’imich Ioab, agus chaidh e air feadh Israeil uile, agus thàinig e gu Ierusalem. |
| 5 |
| Agus thug Ioab uimhir àireamh an t‑sluaigh do Dhaibhidh: agus bha ann de Israel uile, mìle de mhìltean agus ceud mìle fear a tharraing claidheamh; agus de Iùdah, ceithir cheud agus deich agus trì mìle fear a tharraing claidheamh. |
| 6 |
| Ach Lèbhi agus Beniàmin cha d’àireamh e nam measg; oir bha facal an rìgh gràineil do Ioab. |
| 7 |
| Agus mhì-thaitinn an nì seo ri Dia; uime sin bhuail e Israel. |
| 8 |
| Agus thubhairt Daibhidh ri Dia, Pheacaich mi gu mòr, a chionn gun do rinn mi an nì seo; ach a‑nis, guidheam ort, thoir air falbh cionta do sheirbhisich; oir rinn mi gu ro‑amaideach. |
| 9 |
| Agus labhair an Tighearna ri Gad, fear-seallaidh Dhaibhidh, ag ràdh, |
| 10 |
| Falbh agus labhair ri Daibhidh, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Trì nithean tha mi a’ cur fad chomhair; roghnaich dhut fhèin aon dhiubh, a‑chum gun dèan mi dhut e. |
| 11 |
| Agus thàinig Gad a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Gabh do roghainn: |
| 12 |
| Aon chuid trì bliadhna gorta; no a bhith trì mìosan a’ teicheadh rod naimhdean, agus claidheamh do naimhdean a’ breith ort; no trì làithean de chlaidheamh an Tighearna, eadhon den phlàigh, anns an fhearann, agus aingeal an Tighearna a’ sgrios air feadh uile chrìochan Israeil: a‑nis uime sin faic ciod a fhreagras mi dhàsan a chuir uaithe mi. |
| 13 |
| Agus thubhairt Daibhidh ri Gad, Tha mi ann an teinn mhòir: tuiteam a‑nis ann an làimh an Tighearna, oir is ro‑lìonmhor a thròcairean; ach ann an làimh duine na tuiteam. |
| 14 |
| Agus chuir an Tighearna plàigh air Israel; agus thuit de Israel deich agus trì-fichead mìle fear. |
| 15 |
| Agus chuir Dia aingeal gu Ierusalem, a‑chum a sgrios: agus nuair a bha e a’ sgrios, dh’amhairc an Tighearna, agus ghabh e aithreachas a‑thaobh an uilc, agus thubhairt e ris an aingeal a bha ri sgrios, Is leòr e; cùm a‑nis air do làimh. Agus sheas aingeal an Tighearna làimh ri ùrlar-bualaidh Ornain an t‑Iebusach. |
| 16 |
| Agus thog Daibhidh suas a shùilean agus chunnaic e aingeal an Tighearna na sheasamh eadar talamh agus nèamh, agus a chlaidheamh rùisgte na làimh, sìnte a‑mach os cionn Ierusaleim, agus thuit Daibhidh agus seanairean Israeil, còmhdaichte le sac-aodach, sìos air an aghaidh. |
| 17 |
| Agus thubhairt Daibhidh ri Dia, Nach mise a dh’àithn an sluagh àireamh? Is mise fhèin a pheacaich, agus a rinn gu ro‑olc; ach na caoraich seo, ciod a rinn iadsan? Biodh do làmh, guidheam ort, a Thighearna mo Dhia, am aghaidh-sa, agus an aghaidh taigh m’athar; ach an aghaidh do shluaigh na biodh i, gu plàigh a chur orra. |
| 18 |
| An sin dh’àithn aingeal an Tighearna do Ghad a ràdh ri Daibhidh, gun rachadh Daibhidh suas a thogail altarach don Tighearna ann an ùrlar-bualaidh Ornain an t‑Iebusach. |
| 19 |
| Agus chaidh Daibhidh suas air facal Ghaid, a labhair e ann an ainm an Tighearna. |
| 20 |
| Agus thionndaidh Ornan air ais, agus chunnaic e an t‑aingeal; agus dh’fhalaich a cheathrar mhac, a bha maille ris, iad fhèin. A‑nis bha Ornan a’ bualadh cruithneachd. |
| 21 |
| Agus nuair a thàinig Daibhidh a dh’ionnsaigh Ornain, dh’amhairc Ornan agus chunnaic e Daibhidh, agus chaidh e a‑mach as an ùrlar-bhualaidh, agus chrom e e fhèin do Dhaibhidh le a aghaidh gu làr. |
| 22 |
| An sin thubhairt Daibhidh ri Ornan, Thoir dhòmhsa àit an ùrlair-bhualaidh seo, a‑chum gun tog mi altair ann don Tighearna; air a làn luach bheir thu dhomh e, a‑chum gun caisgear a’ phlàigh on t‑sluagh. |
| 23 |
| Agus thubhairt Ornan ri Daibhidh, Gabh thugad e, agus dèanadh mo thighearna an rìgh an nì a tha math na shùilean: feuch, tha mi a’ toirt a’ bhuair dhut a‑chum ìobairtean-loisgte, agus nan innealan-bualaidh a‑chum connaidh, agus a’ chruithneachd a‑chum tabhartas-bìdh; sin uile tha mi a’ toirt dhut. |
| 24 |
| Agus thubhairt rìgh Daibhidh ri Ornan, Chan eadh, ach gu deimhinn ceannaichidh mi iad air an làn luach; oir cha ghabh mi an nì as leatsa gu a thoirt don Tighearna, agus cha toir mi suas ìobairtean-loisgte gun chostas. |
| 25 |
| Uime sin thug Daibhidh do Ornan air an àite sia ceud secel òir air thomhas. |
| 26 |
| Agus thog Daibhidh an sin altair don Tighearna, agus dh’ìobair e ìobairtean-loisgte agus ìobairtean-sìth, agus ghairm e air an Tighearna; agus fhreagair e e le teine o nèamh air altair na h‑ìobairt-loisgte. |
| 27 |
| Agus dh’àithn an Tighearna don aingeal; agus chuir e suas a chlaidheamh a‑rìs na thruaill. |
| 28 |
| Anns an àm sin, nuair a chunnaic Daibhidh gun do fhreagair an Tighearna e ann an ùrlar-bualaidh Ornain an t‑Iebusach, dh’ìobair e an sin: |
| 29 |
| Oir bha pàillean an Tighearna a rinn Maois anns an fhàsach, agus altair na h‑ìobairt-loisgte, anns an àm sin anns an àit àrd ann an Gibeon. |
| 30 |
| Ach cha b’urrainn Daibhidh dol na làthair, a dh’fhiosrachadh de Dhia; oir bha e fo eagal airson claidheamh aingeal an Tighearna. |
|
| Sàbhail na notaichean |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/1chronicles/021.mp3
29
21