Iad sin uile de mhic Obed-edoim: iad fhèin, agus am mic, agus am bràithrean, daoine comasach ann an neart fa chomhair na seirbhis, nan trì-fichead agus a dhà, o Obed-edom.
Dhiubh sin bha roinnean nan dorsairean, eadhon de na prìomh-dhaoine a bha ri faire fa chomhair am bràithrean, gu frithealadh ann an taigh an Tighearna.
Agus thuit an crannchur a làimh na h‑àird an ear air Selemiah: agus thilg iad croinn airson a mhic Sechariah, comhairliche glic, agus thàinig a chrannchur-san a‑mach mu thuath.
Air an taobh an ear bha sianar Lèbhitheach, air an taobh mu thuath ceathrar gach là, air an taobh mu dheas ceathrar gach là, agus air taobh Asupim dithis agus dithis.
B’e Selomit seo agus a bhràithrean, a bha os cionn uile ionmhasan nan nithean coisrigte, a choisrig Daibhidh an rìgh, agus cinn nan athraichean, agus na ceannardan mhìltean agus cheud, agus ceannardan an t‑slòigh.
Agus gach uile nì a choisrig Samuel am fear-seallaidh, agus Saul mac Chis, agus Abner mac Neir, agus Ioab mac Sheruiah; agus ge bè neach a choisrig nì air bith, bha sin fo làimh Shelomit agus a bhràithrean.
De na Hebronaich, bha Hasabiah agus a bhràithrean, daoine gaisgeil, mìle agus seachd ceud fear, nan luchd-riaghlaidh air Israel air an taobh seo de Iòrdan a làimh na h‑àird an iar, ann an uile ghnothaichean an Tighearna, agus ann an seirbhis an rìgh.
De na Hebronaich, b’e Ieriah ceann nan Hebronach a rèir ginealaichean a athraichean. Anns an dà‑fhicheadamh bliadhna de rìoghachadh Dhaibhidh dh’iarradh iad, agus fhuaireadh nam measg daoine treuna ann an Iaser Ghilead.
Agus a bhràithrean, daoine gaisgeil, dà mhìle agus seachd ceud, cinn nan teaghlach: agus rinn Daibhidh iad nan luchd-riaghlaidh os cionn nan Reubeneach, agus nan Gadach, agus leth-threubh Mhanaseh, anns gach nì a bhuineadh do Dhia, agus ann an gnothaichean an rìgh.