An dèidh nan nithean seo agus nuair a bha iad air an suidheachadh, thàinig Senacherib rìgh Asiria, agus chaidh e a‑steach do Iùdah, agus champaich e an aghaidh nam bailtean daingnichte, agus shònraich e air an cosnadh dha fhèin.
Chuir e a chomhairle ra uachdarain agus ra dhaoine cumhachdach, uisgeachan nan tobar a bha an taobh a‑muigh den bhaile a dhùnadh suas; agus chuidich iad leis.
Agus chruinnich sluagh mòr, agus dhùin iad suas na tobraichean uile, agus na sruthain a bha a’ ruith ann am meadhon na tìre, ag ràdh, Carson a thigeadh rìghrean Asiria, agus a gheibheadh iad mòran uisge?
Agus dhaingnich e e fhèin, agus thog e am balla uile a chaidh a bhriseadh, agus chuir e suas tùir air, agus balla eile air an taobh a‑muigh, agus dhaingnich e Milo, baile Dhaibhidh, agus rinn e gathan agus targaidean ann am pailteas.
Agus chuir e ceannardan-cogaidh os cionn an t‑sluaigh, agus chruinnich e iad da ionnsaigh ann an sràid geata a’ bhaile, agus labhair e rin cridhe, ag ràdh,
Bithibh làidir agus bithibh misneachail, na biodh eagal agus na biodh faitcheas oirbh ro rìgh Asiria, no ron t‑sluagh mhòr seo uile a tha maille ris; oir is mò a tha leinne na leis-san.
Leis-san tha gàirdean feòla, ach leinne tha an Tighearna ar Dia, a chuideachadh leinn, agus a chur ar catha. Agus dh’earb an sluagh à briathran Heseciah rìgh Iùdah.
Na dhèidh seo chuir Senacherib rìgh Asiria a sheirbhisich gu Ierusalem (oir bha e fhèin aig Lachis, agus a neart uile maille ris), a dh’ionnsaigh Heseciah rìgh Iùdah, agus a dh’ionnsaigh Iùdah uile, a bha aig Ierusalem, ag ràdh,
Nach eil Heseciah gur comhairleachadh sibh fhèin a thoirt thairis gu bàs le gorta agus le tart, ag ràdh, Saoraidh an Tighearna ar Dia sinn à làimh rìgh Asiria?
Nach do chuir Heseciah seo fhèin air falbh a àitean àrda, agus a altairean, agus nach d’àithn e do Iùdah agus do Ierusalem, ag ràdh, Fa chomhair aon altarach sleuchdaidh sibh, agus loisgidh sibh tùis oirre?
Nach eil fhios agaibh ciod a rinn mise agus m’athraichean ri uile shluagh nan dùthchannan? An robh diathan cinnich nan tìrean sin comasach air an tìr fhèin a shaoradh as mo làimh-sa?
Cò am measg uile dhiathan nan cinneach sin a sgrios m’athraichean-sa gu tur a b’urrainn a shluagh a shaoradh as mo làimh-sa, gum biodh ur Dia-se comasach air ur saoradh as mo làimh?
A‑nis, matà, na mealladh Heseciah sibh, agus na comhairlicheadh e sibh mar seo, agus na creidibh e; oir cha robh dia air bith cinnich no rìoghachd sam bith comasach air a shluagh a shaoradh as mo làimh-sa, agus à làimh m’athraichean; nach lugha gu mòr na sin as urrainn ur Dia-se ur saoradh as mo làimh?
Sgrìobh e mar an ceudna litrichean a chàineadh an Tighearna Dia Israeil, agus a labhairt na aghaidh, ag ràdh, Mar nach do shaor diathan cinnich nan dùthchannan an sluagh as mo làimh-sa, mar sin cha saor Dia Heseciah a shluagh as mo làimh.
Ghlaodh iad cuideachd le guth àrd anns a’ chànain Iùdhaich ri sluagh Ierusaleim a bha air a’ bhalla, gu eagal agus buaireas a chur orra a‑chum gun glacadh iad am baile.
Agus chuir an Tighearna aingeal uaithe, a sgrios na daoine comasach gaisgeil uile, agus na ceannardan, agus na h‑uachdarain ann an camp rìgh Asiria: uime sin thill e le nàire gnùise da thìr fhèin. Agus nuair a chaidh e a‑steach do thaigh a dhè, mharbh iadsan a thàinig a‑mach as a innibh fhèin e an sin leis a’ chlaidheamh.
Mar seo shaor an Tighearna Heseciah agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim à làimh Shenacherib rìgh Asiria, agus à làimh nan uile, agus stiùir e iad air gach taobh.
Agus thug mòran tabhartasan a dh’ionnsaigh an Tighearna gu Ierusalem, agus tìodhlacan a dh’ionnsaigh Heseciah rìgh Iùdah: agus dh’àrdaicheadh e ann an sùilean nan uile chinneach na dhèidh sin.
Gidheadh dh’irioslaich Heseciah e fhèin airson uabhar a chridhe, araon e fhèin agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim: uime sin cha tàinig fearg an Tighearna orra ann an làithean Heseciah.
Agus bha aig Heseciah beartas agus urram ro‑mhòr: agus rinn e dha fhèin ionmhasan airson airgid, agus òir, agus chlachan luachmhor, agus spìosraidh, agus thargaidean, agus gach seud thaitnich;
Agus taighean-tasgaidh airson toradh an arbhair, agus an fhìona, agus na h‑ola; agus taighean airson gach gnè ainmhidh, agus mainnirean airson nan treud.
Chuir Heseciah seo fhèin mar an ceudna stad air sruth uisge uachdarach Ghihoin, agus thug e sìos dìreach e a làimh na h‑àird an iar do bhaile Dhaibhidh. Agus shoirbhich Heseciah na obraichean uile.
Gidheadh, a‑thaobh teachdairean uachdarain Bhàbiloin, a chuireadh da ionnsaigh a dh’fhiosrachadh mun iongantas a bha anns an tìr, thrèig Dia e ga dhearbhadh, a‑chum gum biodh fhios aige air gach nì a bha na chridhe.
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Heseciah, agus a mhaitheas, feuch, tha iad sgrìobhte ann am fàistneachd Isaiah am fàidh, mac Amois, agus ann an leabhar rìghrean Iùdah agus Israeil.
Agus chaidil Heseciah maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e ann an àrd-àit-adhlacaidh mic Dhaibhidh: agus thug Iùdah uile agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim urram dha nuair a fhuair e bàs. Agus rìghich Manaseh a mhac na àite.