Agus nuair a chuala bànrighinn Shèba cliù Sholaimh, thàinig i a dhearbhadh Sholaimh le ceistean cruaidhe gu Ierusalem, le cuideachd ro‑mhòir, agus le càmhail a’ giùlan spìosraidh agus òir ann am pailteas, agus chlachan luachmhor: agus nuair a thàinig i a dh’ionnsaigh Sholaimh, labhair i ris gach nì a bha na cridhe.
Agus biadh a bhùird, agus suidhe a sheirbhiseach, agus feitheamh a luchd-frithealaidh agus an trusgan, agus a ghillean-cupain agus an trusgan, agus a dhol-suas air an deachaidh e suas gu taigh an Tighearna, cha robh spiorad innte nas mò.
Gidheadh cha do chreid mi am briathran gus an tàinig mi, agus gum faca mo shùilean; agus, feuch, cha d’innseadh dhomh leth meud do ghliocais: chaidh thu thar an iomradh a chuala mi.
Guma beannaichte an Tighearna do Dhia a ghabh tlachd annad gu do chur air a rìgh-chathair, gu bhith ann ad rìgh airson an Tighearna do Dhia: a chionn gun do ghràdhaich do Dhia Israel, a‑chum an daingneachadh gu bràth, uime sin rinn e thusa ad rìgh os an cionn, a dhèanamh breitheanais agus ceartais.
Agus thug i don rìgh ceud agus fichead tàlann òir, agus ro‑mhòran de spìosraidh, agus clachan luachmhor: agus cha robh riamh a leithid seo de spìosraidh is a thug bànrighinn Shèba do rìgh Solamh.
Agus rinn an rìgh den fhiodh alguim staidhrichean do thaigh an Tighearna, agus do thaigh an rìgh, agus clàrsaichean agus saltairean don luchd-ciùil: agus chan fhacas an leithid roimhe ann an tìr Iùdah.
Agus thug rìgh Solamh do bhànrighinn Shèba a h‑uile mhiann a dh’iarr i, a thuilleadh air na thug i a dh’ionnsaigh an rìgh: agus thionndaidh i agus dh’imich i da tìr, i fhèin agus a seirbhisich.
A thuilleadh air na thug na ceannaichean agus an luchd-malairt, agus uile rìghrean Aràbia, agus uachdarain na tìre, a thug òr agus airgead a dh’ionnsaigh Sholaimh.
Agus bha sia ceumannan aig an rìgh-chathair agus cas-stòl òir, air an tàthadh ris an rìgh-chathair, agus làmhan air gach taobh den àite-shuidhe, agus dà leòmhann a’ seasamh làimh ris na làmhan.
Agus sheas dà‑leòmhann-dheug an sin air na sia ceumannan, air an taobh seo agus air an taobh ud. Cha do rinneadh a leithid ann an rìoghachd air bith eile.
Agus bha uile shoithichean-òil rìgh Solamh de òr, agus uile shoithichean taigh frìth Lebanoin de òr fìorghlan: cha robh meas air airgead ann an làithean Sholaimh a‑chum nì sam bith.
Oir chaidh loingeas an rìgh gu Tarsis maille ri seirbhisich Huraim: aon uair anns na trì bliadhna thàinig loingeas Tharsis a’ giùlan òir agus airgid, fiaclan elephant, agus apa, agus pheucag.
Agus thug iad leo gach fear a thìodhlac, soithichean airgid, agus soithichean òir, agus trusganan, agus airm, agus spìosraidh, agus eich, agus muileidean, cuibhreann bliadhna anns gach bliadhna.
Agus bha aig Solamh ceithir mìle prasach each airson a charbad, agus dà‑mhìle-dheug marcaiche, a chuir e a‑mach ann am bailtean nan carbad, agus maille ris an rìgh ann an Ierusalem.
Agus thug an rìgh air airgead a bhith ann an Ierusalem mar chlachan, agus air na croinn sheudair thug e a bhith mar na croinn shicomoir, a tha anns an t‑srath, air lìonmhorachd.
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Sholaimh, an toiseach agus mu dheireadh, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar Nàtain am fàidh, agus ann am fàidheadaireachd Ahiah an Silonach, agus ann an seallaidhean Ido am fear-seallaidh an aghaidh Ierobòaim mhic Nebait?