A‑nis nuair a rinn Esra ùrnaigh, agus a dh’aidich e, a’ gul, agus ga thilgeadh fhèin sìos fa chomhair taigh Dhè, chruinnich da ionnsaigh à Israel co‑chruinneachadh ro‑mhòr de fhir, agus de mhnathan, agus de chloinn: oir ghuil an sluagh gu mòr.
Agus labhair Sechaniah mac Iehieil, aon de mhic Elaim, agus thubhairt e ri Esra, Pheacaich sinn an aghaidh ar Dè, agus ghabh sinn dar n‑ionnsaigh mnathan coimheach de shluagh na tìre: ach a‑nis tha dòchas ann an Israel a‑thaobh an nì seo.
A‑nis uime sin dèanamaid coicheangal ri ar Dia, na mnathan uile a chur uainn, agus iadsan a rugadh leo, a rèir comhairle mo thighearna, agus na muinntir a chriothnaicheas ri àithne ar Dè, agus dèanar a rèir an lagha.
Agus dh’èirich Esra, agus thug e air na h‑àrd-shagartan, na Lèbhithich, agus Israel uile mionnachadh gun dèanadh iad a rèir an fhacail seo; agus mhionnaich iad.
An sin dh’èirich Esra o làthair taigh Dhè, agus chaidh e do sheòmar Iohanain, mhic Eliasib: agus nuair a thàinig e an sin, cha d’ith e aran, agus cha d’òl e uisge; oir rinn e bròn airson cionta na muinntir a thugadh air falbh.
Agus ge bè neach nach tigeadh an ceann trì làithean, a rèir comhairle nan uachdaran agus nan seanair, gun tugte uaithe a mhaoin uile, agus gum biodh e fhèin air a dhealachadh o cho-chruinneachadh na muinntir a thugadh air falbh.
Agus chruinnicheadh fir Iùdah agus Bheniàmin uile gu Ierusalem an ceann trì làithean: bha e anns an naoidheamh mìos, air an fhicheadamh là den mhìos: agus shuidh an sluagh uile ann an sràid taigh Dhè, air chrith airson an nì seo, agus airson an uisge mhòir.
A‑nis, matà, dèanaibh aidmheil don Tighearna, Dia ur n‑athraichean, agus coileanaibh a thoil; agus dealaichibh sibh fhèin o shluagh na tìre, agus o na mnathan coimheach.
Ach tha an sluagh lìonmhor, agus is àm mòr-uisge e, agus chan urrainn sinn seasamh a‑muigh, agus chan obair aon là no dà seo: oir tha sinn lìonmhor a pheacaich anns an nì seo.
Seasadh a‑nis ar n‑uachdarain den choitheanal uile, agus, aig àmannan suidhichte, thigeadh iadsan uile nar bailtean a ghabh dhaibh fhèin mnathan coimheach, agus maille riu seanairean gach baile agus a bhritheamhan, gus an tionndaidhear fearg laiste ar Dè uainn a‑thaobh an nì seo.
Agus rinn clann a’ bhraighdeanais mar sin: agus dhealaicheadh Esra an sagart, agus cinn àraidh nan athraichean a rèir taigh an athraichean, agus iad uile a rèir an ainmean, agus shuidh iad sìos air a’ chiad là den deicheamh mìos a rannsachadh na cùise.
Agus am measg mic nan sagart fhuaireadh a ghabh dhaibh fhèin mnathan coimheach: De mhic Iesua, mhic Iosadaic, agus a bhràithrean: Maaseiah, agus Elièser, agus Iarib, agus Gedaliah.