Sgrìobhadh sìos na Lèbhithich ann an làithean Eliasib, Ioiada, agus Iehonain, agus Iadua, cinn nan athraichean; agus na sagartan gu ruig rìoghachadh Dhariuis am Persianach.
Agus cinn nan Lèbhitheach: Hasabiah, Serebiah, agus Iesua mac Chadmieil, agus am bràithrean thall fan comhair, a mholadh agus a thabhairt buidheachais a rèir àithne Dhaibhidh òglach Dhè, faire fa chomhair faire.
Agus aig coisrigeadh balla Ierusaleim dh’iarr iad na Lèbhithich as an àitean uile, a‑chum an tabhairt gu Ierusalem, a chumail a’ choisrigidh le aoibhneas, agus le breith-buidheachais, agus le seinn, le ciombalan, saltairean, agus le clàrsaichean.
An sin thug mi suas uachdarain Iùdah air a’ bhalla, agus dh’òrdaich mi dà chuideachd mhòr a‑chum molaidh, agus gun imicheadh aon a dh’ionnsaigh na làimhe deise air a’ bhalla gu geata an aolaich:
Agus a bhràithrean Semaiah, agus Asareel, Milalai, Gilalai, Maai, Netaneel, agus Iùdah, agus Hanani, le innealan-ciùil Dhaibhidh òglach Dhè, agus Esra an sgrìobhaiche romhpa.
Agus aig geata an tobair a bha fan comhair, chaidh iad suas air ceuman baile Dhaibhidh, aig dol suas a’ bhalla, os cionn taigh Dhaibhidh, gu ruig geata an uisge a làimh na h‑àird an ear.
Agus dh’imich a’ chuideachd eile a bha a‑chum molaidh thall fan comhair, agus mise nan dèidh, agus leth an t‑sluaigh air a’ bhalla, o thaobh shuas tùr nan àmhainn gu ruig am balla leathann;
Agus o thaobh shuas geata Ephraim, agus os cionn an t‑seana gheata, agus os cionn geata an èisg, agus tùr Hananeeil, agus tùr Mheah, gu ruig geata nan caorach; agus sheas iad ann an geata a’ phrìosain.
Agus Maaseiah, agus Semaiah, agus Eleàsar, agus Udsi, agus Iehonanan, agus Malchiah, agus Elam, agus Eser: agus sheinn an luchd-seinn gu h‑àrd, agus Iesraiah na fhear-coimhead thairis orra.
Agus dh’ìobair iad air an là sin ìobairtean mòra, agus rinn iad gàirdeachas; oir thug Dia orra gàirdeachas a dhèanamh le aoibhneas mòr: rinn na mnathan mar an ceudna agus a’ chlann gàirdeachas, agus chualas gàirdeachas Ierusaleim an cèin.
Agus shuidhicheadh air an là cheudna daoine os cionn nan seòmar airson nan ionmhas, airson nan tabhartas, airson nan ciad-thoradh, agus airson nan deicheamh, a‑chum gun cruinnicheadh iad annta à achaidhean nam bailtean cuibhreannan an lagha do na sagartan agus do na Lèbhithich: oir bha aoibhneas air Iùdah airson nan sagart agus airson nan Lèbhitheach a bha a’ feitheamh.
Agus thug Israel uile seachad ann an làithean Sherubabeil, agus ann an làithean Nehemiah, cuibhreannan an luchd-seinn agus nan dorsair, dlighe gach là air a là fhèin; agus naomhaich iad nithean do na Lèbhithich; agus naomhaich na Lèbhithich do chloinn Aaroin.