Air an là sin leughadh ann an leabhar Mhaois ann an èisdeachd an t‑sluaigh, agus fhuaireadh sgrìobhte ann nach tigeadh an t‑Amonach agus am Mòabach a‑steach do choitheanal Dhè gu bràth;
A chionn nach do choinnich iad clann Israeil le aran agus le uisge, agus gun do thuarasdalaich iad Balàam nan aghaidh a‑chum am mallachadh: ach thionndaidh ar Dia am mallachadh gu beannachadh.
Agus rinn e dha seòmar mòr far an robh iad roimhe a’ cur an tabhartais-bhìdh, na tùise, agus nan soitheach, agus deicheamh an arbhair, an fhìona nuaidh, agus na h‑ola (a dh’òrdaicheadh do na Lèbhithich, agus don luchd-seinn, agus do na dorsairean), agus tabhartasan nan sagartan.
Ach nuair a thachair seo uile cha robh mise ann an Ierusalem; oir ann an dara-bliadhna-deug ar fhichead Artacsercseis rìgh Bhàbiloin, thàinig mi a dh’ionnsaigh an rìgh, agus an dèidh làithean àraidh fhuair mi cead on rìgh:
Agus dh’aithnich mi nach tugadh seachad cuibhreannan nan Lèbhitheach; oir theich na Lèbhithich agus an luchd-seinn a rinn an obair, gach duine a dh’ionnsaigh a fhearainn fhèin.
Agus thug mi achmhasan don luchd-riaghlaidh, agus thubhairt mi, Carson a thrèigeadh taigh Dhè? Agus chruinnich mi iad ri chèile, agus shuidhich mi iad nan àite.
Agus chuir mi luchd-coimhead os cionn nan ionmhas, Selemiah an sagart, agus Sadoc an sgrìobhaiche; agus de na Lèbhithich, Pedaiah; agus làimh riùsan Hanan mac Shacuir, mhic Mhataniah: oir mheasadh fìrinneach iad, agus bha orrasan roinn air am bràithrean.
Anns na làithean sin chunnaic mi ann an Iùdah daoine a’ saltairt fhìon-amar air an t‑sàbaid, agus a’ toirt a‑steach sguab, agus a’ cur luchd air asalan; agus mar an ceudna fìon, fìondhearcan, agus fìgean, agus gach gnè eallaich, a thug iad a‑steach do Ierusalem air là na sàbaid: agus thug mi fianais nan aghaidh air an là air an do reic iad biadh.
Ghabh mar an ceudna Tìoraich còmhnaidh ann, a thug a‑steach iasg agus gach gnè bhathair; agus reic iad air an t‑sàbaid ri cloinn Iùdah, agus ann an Ierusalem.
Nach do rinn ur n‑athraichean mar seo, agus nach tug ar Dia an t‑olc seo uile oirnne, agus air a’ bhaile seo? Agus tha sibhse a’ toirt tuilleadh feirge air Israel leis an t‑sàbaid a bhriseadh.
Agus nuair a thòisich geatachan Ierusaleim air a bhith dorcha ron t‑sàbaid, dh’àithn mi, agus dhruideadh na còmhlachan; agus dh’àithn mi nach biodh iad air am fosgladh gus an dèidh na sàbaid: agus cuid dem òglaich shuidhich mi aig na geatachan, a‑chum nach tigeadh eallach a‑steach air là na sàbaid.
Agus thug mi fianais nan aghaidh, agus thubhairt mi riu, Carson a tha sibh a’ gabhail tàimh fa chomhair a’ bhalla? Ma nì sibh a‑rìs e, leagaidh mi làmh oirbh. On àm sin cha tàinig iad tuilleadh air an t‑sàbaid.
Agus dh’àithn mi do na Lèbhithich, a bha gan glanadh fhèin, agus a thàinig a ghleidheadh nan geatachan, gun naomhaicheadh iad là na sàbaid. Cuimhnich orm, O mo Dhia, a‑thaobh seo mar an ceudna, agus caomhain mi a rèir meud do thròcair.
Agus thug mi achmhasan dhaibh agus mhallaich mi iad, agus bhuail mi cuid dhiubh, agus spìon mi dhiubh am falt, agus thug mi orra mionnachadh air Dia, nach tugadh iad an nigheanan dam mic-san, agus nach gabhadh iad an nigheanan-san dam mic no dhaibh fhèin.
Leis na nithean sin nach do pheacaich Solamh rìgh Israeil? Gidheadh am measg mòran chinneach cha robh rìgh ann cosmhail ris, a bha air a ghràdhachadh le a Dhia, agus a rinn Dia na rìgh air Israel uile: ach thug mnathan coimheach airsan fhèin peacachadh.