Anns an treas bliadhna de a rìoghachadh, rinn e cuirm da uachdarain uile, agus da sheirbhisich; agus cumhachd Phersia agus Mhedia, àrd-uaislean agus uachdarain nam mòr-roinn na làthair;
Agus nuair a chrìochnaicheadh na làithean sin, rinn an rìgh don t‑sluagh uile a bha an làthair ann an Susan an lùchairt, eadar mhòr agus bheag, cuirm sheachd làithean, ann an cùirt lios taigh an rìgh.
Bha na cùirteanan geal, uaine, agus gorm air an crochadh le còrdan de anart grinn agus de chorcar, air failbheagan airgid, agus puist mharmoir: na leapaichean de òr agus de airgead, air leac-ùrlar de mharmor dearg, agus gorm, agus geal, agus dubh.
Agus thug iad deoch seachad ann an soithichean òir, agus na soithichean eu‑cosmhail ri chèile, agus fìon rìoghail ann am pailteas, mar a thigeadh don rìgh.
Agus bha an t‑òl a rèir an lagha, gun neach ann a cho-èignicheadh; oir mar sin dh’àithn an rìgh do uile dhaoine mòra a thaighe, gun dèanadh iad mar a b’àill leis gach duine.
Air an t‑seachdamh là, nuair a bha cridhe an rìgh subhach le fìon, dh’àithn e do Mhehuman, do Bhista, do Harbona, do Bhigta, agus do Abagta, do Shetar, agus do Charcas, na seachd caillteanaich a fhritheil ann an làthair an rìgh Ahasueruis,
Bhasti a’ bhànrighinn a thoirt an làthair an rìgh leis a’ chrùn rìoghail, a nochdadh don t‑sluagh agus do na h‑uachdarain a sgèimhe; oir bha i maiseach ri amharc oirre.
Ach dhiùlt a’ bhànrighinn Bhasti teachd air àithne an rìgh a thug e seachad le làimh nan caillteanach: agus bha corraich mhòr air an rìgh, agus las a fhearg an taobh a‑staigh dheth.
An sin thubhairt an rìgh ris na daoine glice dom b’aithne na h‑aimsirean (oir b’e sin gnàth an rìgh dan taobhsan uile a bha eòlach air lagh agus breitheanas:
Agus làimh ris bha Carsena, Seta, Admata, Tarsis, Meres, Marsena, agus Memucan, seachd uachdarain Phersia agus Mhedia, a bha a’ faicinn gnùis an rìgh, agus a shuidh air thoiseach anns an rìoghachd),
Agus thubhairt Memucan an làthair an rìgh agus nan uachdaran, Chan ann air an rìgh a‑mhàin a rinn Bhasti a’ bhànrighinn eucoir, ach mar an ceudna air na h‑uachdarain uile, agus air an t‑sluagh uile, a tha ann an uile mhòr-roinnean rìgh Ahasueruis:
Oir thèid gnìomh na bànrighinn a‑mach a dh’ionnsaigh nam ban uile, air chor is gun dèan iad tàir air am fir nan sùilean nuair a their iad, Dh’àithn an rìgh Ahasuerus a’ bhànrighinn Bhasti a thoirt a‑steach na làthair, ach cha tàinig i.
Mar an ceudna air an là‑an‑diugh their ban-tighearnan Phersia agus Mhedia, a chluinneas mu ghnìomh na bànrighinn, ri uile uachdarain an rìgh: mar seo èiridh suas pailteas tàire agus feirge.
Mas math leis an rìgh, thigeadh àithne rìoghail a‑mach uaithe, agus sgrìobhar i am measg laghannan nam Persianach agus nam Mèdach, a‑chum nach atharraichear i, Nach tig Bhasti nas mò an làthair an rìgh Ahasueruis, agus gun toir an rìgh a h‑inbhe rìoghail do mhnaoi eile as fheàrr na ise.
Agus nuair a chluinnear àithne an rìgh a bheir e seachad air feadh a rìoghachd uile (oir tha i mòr), bheir na mnathan uile urram dam fir, eadar mhòr agus bheag.
Agus chuir e litrichean a dh’ionnsaigh uile mhòr-roinnean an rìgh, a dh’ionnsaigh gach mòr-roinne a rèir a sgrìobhaidh, agus a dh’ionnsaigh gach sluaigh a rèir an cànain, gum biodh gach fear na uachdaran na thaigh fhèin; agus gum biodh seo air fhoillseachadh a rèir cànan gach sluaigh.