|
| 1 |
|
| Feuch, chunnaic mo shùil seo uile; chuala mo chluas, agus mhothaich i e. |
|
| 2 |
|
| Mar as aithne dhuibhse, is aithne dhòmhsa mar an ceudna: chan ìsle mise na sibhse. |
|
| 3 |
|
| Ach labhrainn-sa ris an Uile-chumhachdach, agus b’àill leam tagradh ri Dia. |
|
| 4 |
|
| Oir is luchd-cumaidh bhreug sibhse, lèighean nach fiù sibh uile. |
|
| 5 |
|
| O nach robh sibh gu tur nur tosd! agus b’e sin ur gliocas. |
|
| 6 |
|
| Cluinnibh a‑nis mo thagradh, agus èisdibh ri deasbaireachd mo bhilean. |
|
| 7 |
|
| An labhair sibh gu h‑aingidh airson Dhè? Agus air a shon-san an labhair sibh gu cealgach? |
|
| 8 |
|
| An gabh sibh ra ghnùis? Airson Dhè an dèan sibh còmhstri? |
|
| 9 |
|
| A bheil e math gun rannsaicheadh e a‑mach sibh? Mar a nìthear fanaid air duine, an dèan sibh fanaid airsan? |
|
| 10 |
|
| Gu cinnteach cronaichidh e sibh, ma ghabhas sibh ann an uaigneas ri pearsachan. |
|
| 11 |
|
| Nach cuir a òirdhearcas-san eagal oirbh? Agus nach tuit a uamhann-san oirbh? |
|
| 12 |
|
| Tha ur cuimhne cosmhail ri luaithre, mar chuirp creadha ur cuirp. |
|
| 13 |
|
| Bithibh nur tosd am thaobh-sa, agus labhraidh mi, agus thigeadh orm na dh’fhaodas. |
|
| 14 |
|
| Carson a tha mi a’ gabhail m’fheòla am fhiaclan, agus a’ cur mo bheatha ann am làimh? |
|
| 15 |
|
| Ged mharbh e mi, gidheadh earbaidh mi as: ach tagraidh mi mo shlighean na fhianais. |
|
| 16 |
|
| Mar an ceudna bidh e dhòmhsa a‑chum slàinte; oir cha tig cealgair na làthair. |
|
| 17 |
|
| Eisdibh gu furachair rim chainnt, agus rim sgeul le ur cluasan. |
|
| 18 |
|
| Feuch a‑nis, chuir mi mo chùis ann an òrdagh: tha fhios agam gun saorar mi. |
|
| 19 |
|
| Cò esan a thagras rium? Oir a‑nis, ma bhios mi am thosd, bheir mi suas an deò. |
|
| 20 |
|
| A‑mhàin dà nì na dèan rium; an sin od ghnùis chan fhalaich mi mi fhèin. |
|
| 21 |
|
| Tarraing do làmh fada uam agus na cuireadh d’uamhann eagal orm. |
|
| 22 |
|
| An sin gairm thusa, agus freagraidh mise: no labhraidh mise, agus freagair thusa mi. |
|
| 23 |
|
| Cia lìonmhor m’euceartan agus mo pheacaidhean? Air m’easaontas agus mo pheacadh thoir fios dhomh. |
|
| 24 |
|
| Carson a tha thu a’ falach do ghnùise, agus gam mheas mar nàmhaid dhut? |
|
| 25 |
|
| Am bris thu an duilleag a thilgear a‑null agus a‑nall? Agus an ruaig thu an asbhuain thioram? |
|
| 26 |
|
| Oir tha thu a’ sgrìobhadh nithean searbha am aghaidh, agus a’ toirt orm euceartan m’òige a shealbhachadh. |
|
| 27 |
|
| Agus tha thu a’ cur mo chas anns a’ cheap, agus a’ geur-amharc air mo shlighean gu lèir, agus a’ cur chomharraidhean air bonnan mo chas. |
|
| 28 |
|
| Agus mar nì breun cuirear as dha, mar thrusgan a dh’itheas an leòmann. |
|
|
|
|