×

Bìoball Gàidhlig 1992

Iob 18

1
An sin fhreagair Bildad an Suhach, agus thubhairt e,
2
Cia fhada gus an cuir sibh crìoch air briathran? Tuigibh, agus na dhèidh sin labhramaid.
3
Carson a mheasar sinne mar ainmhidhean, agus a tha sinn tàireil ad shùilean-sa?
4
Tha e a’ reubadh anama na chorraich: air do shon-sa an trèigear an talamh? Agus an atharraichear a’ charraig as a h‑àite?
5
Seadh, cuirear solas an aingidh as: agus cha dealraich lasair a theine.
6
Dorchaichear an solas na phàillean, agus cuirear as a lòchran aige.
7
Cumhangaichear ceuman a neirt, agus tilgidh a chomhairle fhèin sìos e:
8
Oir cuirear ann an lìon e le a chasan fhèin, agus air ribe imichidh e.
9
Glacaidh an còrd air shàil e; buadhaichidh am fear-reubainn na aghaidh.
10
Falaichte anns an talamh tha ribe air a shon, agus inneal-glacaidh air a shon air an t‑slighe.
11
Air gach taobh cuiridh uamhasan eagal air, agus fuadaichidh iad air a chasan e.
12
Bidh a neart air a chlaoidh le acras, agus lèirsgrios deas aig a thaobh.
13
Ithidh e suas neart a chraicinn; ithidh ciad-ghin a’ bhàis suas a neart.
14
Spìonar as a phàillean a dhòchas; agus bheir e e gu rìgh nan uamhann.
15
Gabhaidh e còmhnaidh na phàillean, a chionn nach leis-san e; crathar pronnasg air a àite-còmhnaidh.
16
Shìos tiormaichear a fhreumhan, agus shuas gearrar air falbh a bhàrr.
17
Sgriosar a chuimhne as an talamh, agus cha bhi ainm aige air an t‑sràid.
18
Fògrar e o sholas gu dorchadas, agus as an t‑saoghal tilgear e.
19
Cha bhi mac aige, no mac a mhic am measg a shluaigh, no neach a mhaireas na àitean-còmhnaidh.
20
Ri a là bidh ioghnadh orrasan a thig na dhèidh, mar a ghlac uamhas iadsan a thàinig roimhe.
21
Gu deimhinn is iad sin ionadan-còmhnaidh an aingidh; agus is e seo a àite-san, do nach aithne Dia.
Gaelic Bible (ABG) 1992
Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 Scottish Bible Society 1992, 2017
:
Save Notes