|
| 1 |
|
| Ach fhreagair Iob, agus thubhairt e, |
|
| 2 |
|
| Cia fhada a chuireas sibh doilgheas air m’anam, agus a bhriseas sibh mo chridhe le briathran? |
|
| 3 |
|
| Na deich uairean seo mhaslaich sibh mi: cha nàir leibh gu bheil sibh cho coimheach rium. |
|
| 4 |
|
| Agus gu deimhinn ma chaidh mi air seachran, fanaidh mo sheachran agam fhèin. |
|
| 5 |
|
| An àrdaich sibhse da‑rìribh sibh fhèin am aghaidh, agus an tagair sibh mo mhasladh am aghaidh? |
|
| 6 |
|
| Biodh fhios agaibh a‑nis gun do thilg Dia thairis mi, agus gun do chuir e a lìon mun cuairt orm. |
|
| 7 |
|
| Feuch, glaodhaidh mi, Eucoir, ach chan èisdear rium; èighidh mi gu h‑àrd, ach chan eil breitheanas ann. |
|
| 8 |
|
| Dhùin e suas mo shlighe air chor is nach urrainn mi dol seachad, agus chuir e dorchadas air mo cheuman. |
|
| 9 |
|
| Bhuin e mo ghlòir dhìom, agus thug e an crùn bhàrr mo chinn. |
|
| 10 |
|
| Sgrios e mi air gach taobh, agus chaidh as dhomh; agus chuir e air falbh, mar chraoibh, mo dhòchas. |
|
| 11 |
|
| Agus las a fhearg am aghaidh, agus mheas e mi mar aon de a naimhdean. |
|
| 12 |
|
| Cuideachd thàinig a bhuidhnean, agus chuir iad suas an slighe am aghaidh, agus champaich iad mun cuairt air mo phàillean. |
|
| 13 |
|
| Chuir e mo bhràithrean fada uam; agus tha mo luchd-eòlais gu deimhinn air fàs coimheach rium. |
|
| 14 |
|
| Thrèig mo dhìlsean, agus dhìochuimhnich mo luchd-eòlais mi. |
|
| 15 |
|
| Mheas muinntir mo thaighe agus mo bhanoglaich mi mar choigreach: am eilthireach bha mi nan sùilean. |
|
| 16 |
|
| Air mo sheirbhiseach ghairm mi, agus cha do fhreagair e: lem bheul fhèin ghuidh mi air. |
|
| 17 |
|
| Bha m’anail coimheach dom mhnaoi, ged a ghuidh mi as leth clann mo chuirp fhèin. |
|
| 18 |
|
| Rinn eadhon clann òg tàir orm: dh’èirich mi, agus labhair iad am aghaidh. |
|
| 19 |
|
| Ghabh luchd mo rùin uile gràin dhìom; agus tha iadsan a ghràdhaich mi air tionndadh am aghaidh. |
|
| 20 |
|
| Rim chraiceann agus rim fheòil dhlùth-lean mo chnàmhan; agus chaidh mi as le craiceann m’fhiacal. |
|
| 21 |
|
| Gabhaibh truas dhìom, gabhaibh truas dhìom, O mo chàirdean, oir bhean làmh Dhè rium. |
|
| 22 |
|
| Carson a gheur-leanas sibhse mi mar a nì Dia, agus lem fheòil nach sàsaichear sibh? |
|
| 23 |
|
| O nach robh mo bhriathran a‑nis air an sgrìobhadh! O nach robh iad air an cur sìos ann an leabhar! |
|
| 24 |
|
| Le peann iarainn agus luaidh gu bràth ann an carraig nach robh iad air an gearradh! |
|
| 25 |
|
| Oir tha fhios agam gu bheil m’fhear-saoraidh beò, agus mu dheireadh gun seas e air an talamh: |
|
| 26 |
|
| Agus an dèidh dhaibh seo mo chraiceann a chnàmh, gidheadh ann am fheòil gum faic mi Dia: |
|
| 27 |
|
| Neach a chì mise air mo shon fhèin, agus air an amhairc mo shùilean-sa, agus chan e neach eile: seo uile chuir mi suas am chom fhèin. |
|
| 28 |
|
| Ach their sibhse, Carson a gheur-leanamaid e, agus gun d’fhuaireadh freumh a’ ghnothaich ann? |
|
| 29 |
|
| Biodh eagal oirbh ron chlaidheamh; oir fàsaidh an claidheamh teth an aghaidh euceartan, a‑chum gum bi fhios agaibh gum bi breitheanas ann. |
|
|
|
|