|
| 1 |
|
| An sin fhreagair Eliphas an Temanach, agus thubhairt e, |
|
| 2 |
|
| Do Dhia am faod duine a bhith tairbheach, mar a dh’fhaodas esan a tha glic a bhith tairbheach dha fhèin? |
|
| 3 |
|
| An toil-inntinn don Uile-chumhachdach gun saor thusa thu fhèin? Agus am buannachd e dhàsan, gun dèan thu do shlighean iomlan? |
|
| 4 |
|
| Air eagal romhad an cronaich e thu? An tèid e a‑chum breitheanais leat? |
|
| 5 |
|
| Nach eil d’aingidheachd mòr, agus d’euceartan gun chrìch? |
|
| 6 |
|
| Oir ghabh thu geall od bhràithrean gun adhbhar, agus aodach nan lomnochd bhuin thu dhiubh. |
|
| 7 |
|
| Cha tug thu uisge don sgìth ri òl, agus on acrach chùm thu aran. |
|
| 8 |
|
| Ach aig fear a’ ghàirdein làidir bha an talamh; agus ghabh an duine urramach còmhnaidh ann. |
|
| 9 |
|
| Chuir thu bantraichean uat falamh, agus bhriseadh gàirdeanan nan dìlleachdan. |
|
| 10 |
|
| Air an adhbhar sin mun cuairt ort bha ribeachan, agus ghlac geilt obann thu; |
|
| 11 |
|
| No dorchadas air chor is nach faiceadh tu; agus chòmhdaich pailteas uisgeachan thu. |
|
| 12 |
|
| Nach eil Dia ann an àirde nan nèamh? Agus faic mullach nan rionnag, cia àrd a tha iad. |
|
| 13 |
|
| Agus their thusa, Cionnas a tha fhios aig Dia? Tron dorchadas am breithnich e? |
|
| 14 |
|
| Tha neòil nan còmhdachadh dha, agus chan fhaic e; agus ann an cùirt nan nèamh siùbhlaidh e. |
|
| 15 |
|
| An tug thu fa‑near an t‑slighe o shean, air an d’imich daoine aingidh; |
|
| 16 |
|
| A ghearradh sìos ron àm, agus thaom tuil thar am bunait; |
|
| 17 |
|
| A thubhairt ri Dia, Imich uainn; agus ciod as urrainn an t‑Uile-chumhachdach a dhèanamh air ar son? |
|
| 18 |
|
| Gidheadh lìon e an taighean le nithean matha: ach guma fada a bhios comhairle nan aingidh uamsa. |
|
| 19 |
|
| Chì na h‑ionraic, agus bidh aoibhneas orra; agus nì an neo-chiontach gàire-fanaid riu. |
|
| 20 |
|
| An àite, nach do ghearradh ar maoin-ne sìos; ach loisgidh teine am fuidheall-san. |
|
| 21 |
|
| Gabh-sa a‑nis eòlas airsan, agus bi an sìth: mar sin thig math ad ionnsaigh. |
|
| 22 |
|
| Gabh, guidheam ort, an lagh o a bheul, agus cuir suas a bhriathran ann ad chridhe. |
|
| 23 |
|
| Ma thilleas tu a dh’ionnsaigh an Uile-chumhachdaich, togar suas thu; cuiridh tu euceart am fad od phàilleanan. |
|
| 24 |
|
| Agus cuiridh tu suas òr mar dhuslach, agus òr Ophir mar chlachan nan sruth. |
|
| 25 |
|
| Agus bidh an t‑Uile-chumhachdach na dhìdean agad, agus bidh pailteas airgid agad. |
|
| 26 |
|
| Oir an sin bidh do thlachd anns an Uile-chumhachdach, agus togaidh tu suas do ghnùis a dh’ionnsaigh Dhè. |
|
| 27 |
|
| Nì thu ùrnaigh ris, agus èisdidh e riut, agus dìolaidh tu do bhòidean. |
|
| 28 |
|
| Agus cuiridh tu nì romhad, agus daingnichear dhut e; agus air do shlighean dealraichidh solas. |
|
| 29 |
|
| Nuair a dh’ìslichear daoine, an sin their thu, Bidh àrdachadh ann; agus saoraidh e an t‑iriosal. |
|
| 30 |
|
| Saoraidh e esan nach eil neo-chiontach, agus saorar e le glaine do làmh-sa. |
|
|
|
|