Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| Ach fhreagair Iob, agus thubhairt e, |
| 2 |
| An‑diugh fhèin is searbh mo ghearan: is truime mo bhuille na m’osna. |
| 3 |
| Och, gun fhios agam càit am faighinn esan, agus gun tiginn a dh’ionnsaigh a àite! |
| 4 |
| Chuirinn mo chùis an òrdagh na làthair, agus lìonainn mo bheul le argamaidean. |
| 5 |
| Bhiodh fhios agam air na briathran leis am freagradh e mi, agus thuiginn ciod a theireadh e rium. |
| 6 |
| Le a mhòr-chumhachd an tagradh e am aghaidh? Chan eadh; ach chuireadh e neart annam. |
| 7 |
| An sin thagradh am fìrean ris, agus bhithinn air mo shaoradh gu bràth om bhritheamh. |
| 8 |
| Feuch, thèid mi air m’aghaidh, ach chan eil esan ann; agus air m’ais, ach cha mhothaich mi e: |
| 9 |
| Air an làimh chlì, far a bheil e ag obrachadh, ach chan fhaic mi e; falaichidh e e fhèin air an làimh dheis, agus cha lèir dhomh e. |
| 10 |
| Ach is aithne dha an t‑slighe agam: nuair a dhearbhas e mi, mar òr thig mi a‑mach. |
| 11 |
| Air a cheuman chùm mo chas; ghlèidh mi a shlighe agus cha do chlaon mi. |
| 12 |
| O àithne a bhilean cha deachaidh mi air m’ais; nas mò na mo dhlighe bìdh mheas mi briathran a bheòil. |
| 13 |
| Ach tha e anns an aon bheachd, agus cò a dh’iompaicheas e? Agus an nì as miann le a anam, sin nì e. |
| 14 |
| Oir coileanaidh e an nì a dh’òrdaicheadh dhòmhsa: agus tha mòran den leithidean sin aige. |
| 15 |
| Uime sin tha fiamh orm na fhianais; nuair a bheir mi fa‑near, tha eagal orm roimhe: |
| 16 |
| Oir thaisich Dia mo chridhe, agus chuir an t‑Uile-chumhachdach fiamh orm; |
| 17 |
| A chionn nach do ghearradh as mi ron dorchadas, agus om ghnùis nach d’fhalaich e an dorchadas. |
| Save Notes |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/job/023.mp3
42
23