×

Bìoball Gàidhlig 1992

Iob 26

1
Ach fhreagair Iob, agus thubhairt e,
2
Cionnas a chuidich thu leis an tì a tha gun chumhachd? Cionnas a shaor thu an gàirdean a tha gun neart?
3
Cionnas a chomhairlich thu esan aig nach eil gliocas, agus a dh’fhoillsich thu gu pailt an nì mar a tha e?
4
Cò ris a labhair thu briathran? Agus cò leis an spiorad a thàinig uat?
5
Dealbhar nithean marbha fo na h‑uisgeachan, agus an luchd-àiteachaidh.
6
Lomnochd tha ifrinn na làthair, agus chan eil còmhdachadh air lèirsgrios.
7
Tha e a’ sìneadh na h‑àird a tuath os cionn an ionaid fhalaimh, a’ crochadh na talmhainn air neoni;
8
A’ ceangal suas nan uisgeachan na neòil, agus cha reubar an neul fodhpa;
9
A’ cumail a‑staigh aghaidh a rìgh-chathrach, a’ sgaoileadh a neòil oirre.
10
Chuartaich e na h‑uisgeachan le crìochan, gus an teirig an là maille ris an oidhche.
11
Criothnaichidh puist nan nèamh, agus bidh uamhas orra ra achmhasan.
12
Le a chumhachd roinnidh e an fhairge, agus le a thuigse buailidh e an t‑uaibhreach.
13
Le a spiorad sgeadaich e na nèamhan; dhealbh a làmh an nathair lùbach.
14
Feuch, is iad sin cuid de a shlighean; ach cia beag a’ chuibhreann a chuala sinn dheth? Agus cò a dh’fhaodas tàirneanach a chumhachd a thuigsinn?
Gaelic Bible (ABG) 1992
Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 Scottish Bible Society 1992, 2017
:
Save Notes