|
| 1 |
|
| Agus bhuanaich Iob na chosamhlachd a labhairt a‑mach, agus thubhairt e, |
|
| 2 |
|
| Mar as beò Dia a thug air falbh mo bhreitheanas, agus an t‑Uile-chumhachdach a chràidh m’anam, |
|
| 3 |
|
| Cho fad is a bhios m’anail annam, agus spiorad Dhè ann am chuinneinean, |
|
| 4 |
|
| Cha labhair mo bhilean aingidheachd, agus cha chan mo theanga cealg. |
|
| 5 |
|
| Nar leigeadh Dia gun saorainn sibh: gus am bàsaich mi, chan atharraich mi m’ionracas uam. |
|
| 6 |
|
| Ann am fhìreantachd fanaidh mi, agus cha leig mi uam i; cha mhaslaich mo chridhe mi rè mo làithean. |
|
| 7 |
|
| Mar an t‑aingidh biodh mo nàmhaid; agus esan a dh’èireas suas am aghaidh mar an t‑eucorach. |
|
| 8 |
|
| Oir ciod e dòchas a’ chealgair, ged a bhuanaich e, nuair a bheir Dia air falbh a anam? |
|
| 9 |
|
| An èisd Dia ri a ghlaodh, nuair a thig àmhghar air? |
|
| 10 |
|
| Anns an Uile-chumhachdach an gabh e tlachd? An gairm e air Dia gach àm? |
|
| 11 |
|
| Teagaisgidh mi sibh le làimh Dhè; an nì a tha aig an Uile-chumhachdach, cha cheil mi. |
|
| 12 |
|
| Feuch, chunnaic sibh fhèin uile e; carson, matà, a tha sibh cho ro‑fhaoin? |
|
| 13 |
|
| Is i seo cuibhreann an duine aingidh aig Dia, agus oighreachd luchd-fòirneirt a gheibh iad on Uile-chumhachdach. |
|
| 14 |
|
| Ma dh’fhàsas a mhic lìonmhor, is ann airson a’ chlaidheimh; agus cha sàsaichear a shliochd le aran. |
|
| 15 |
|
| Adhlaicear iadsan a mhaireas na dhèidh anns a’ bhàs; agus cha ghuil a bhantraichean. |
|
| 16 |
|
| Ged chàrn e suas airgead mar an duslach, agus ged dheasaich e aodach mar an làthach; |
|
| 17 |
|
| Deasaichidh e e, ach cuiridh an t‑ionracan air e; agus roinnidh an neochiontach an t‑airgead. |
|
| 18 |
|
| Togaidh e mar an leòmann a thaigh, agus mar bhothan a nì am fear-coimhead. |
|
| 19 |
|
| Laighidh an saoibhir sìos, ach cha chruinnichear e: fosglaidh e a shùilean, agus chan eil e ann. |
|
| 20 |
|
| Glacaidh uamhasan e mar uisgeachan: anns an oidhche goididh doineann air falbh e. |
|
| 21 |
|
| Bheir a’ ghaoth an ear leatha e, agus siùbhlaidh e; agus le iomaghaoith grad-ghluaisidh i as a àit e. |
|
| 22 |
|
| Oir caithidh Dia air, agus cha chaomhain e: bu mhiann leis teicheadh as a làimh. |
|
| 23 |
|
| Buailidh daoine am basan ris, agus le sgeig fuadaichidh iad as a àit e. |
|
|
|
|