|
| 1 |
|
| Gu cinnteach tha dol a‑mach aig an airgead, agus àit aig an òr anns an leagh iad e. |
|
| 2 |
|
| Bheirear iarann as an talamh, agus leaghar a’ chlach na h‑umha. |
|
| 3 |
|
| Chuir e crìoch air an dorchadas; agus rannsaichidh e a‑mach gach iomlaine, clachan duibhre agus sgàil a’ bhàis. |
|
| 4 |
|
| Brisidh an sruth a‑mach on luchd-àiteachaidh; dearmadar iad leis a’ chois; tiormaichear suas iad; o dhaoine siùbhlaidh iad. |
|
| 5 |
|
| A‑thaobh na talmhainn, aisde thig aran; agus foidhpe tionndaidhear suas amhail teine: |
|
| 6 |
|
| Is iad a clachan àite na saphir; agus tha duslach òir aice: |
|
| 7 |
|
| Ceum nach aithne don eunlaith, agus nach faca sùil na fainge. |
|
| 8 |
|
| Cha do shaltair cuileanan an leòmhainn air, agus cha deachaidh an leòmhann garg seachad air. |
|
| 9 |
|
| Air a’ charraig cuiridh e a‑mach a làmh: tilgidh e bun-os‑cionn na beanntan. |
|
| 10 |
|
| Anns na creagan bheir e air aibhnichean briseadh a‑mach; agus chì a shùil gach nì luachmhor. |
|
| 11 |
|
| Ceanglaidh e na h‑aibhnichean o dhol thairis; agus an nì a tha falaichte bheir e gu solas. |
|
| 12 |
|
| Ach cia as a gheibhear gliocas? Agus càit a bheil ionad na tuigse? |
|
| 13 |
|
| Chan aithne do dhuine a luach; agus chan fhaighear i ann an tìr nam beò. |
|
| 14 |
|
| Their an doimhne, Chan eil i annamsa; agus their a’ mhuir, Chan eil i maille riumsa. |
|
| 15 |
|
| Cha toirear òr air a son, agus cha tomhaisear airgead mar a luach. |
|
| 16 |
|
| Cha mheasar i le òr na h‑Ophir, leis an onics luachmhoir, no leis an t‑saphir. |
|
| 17 |
|
| Cha choimeasar òr no leug rithe; agus cha bhi a malairt le seudan den òr fhìorghlan. |
|
| 18 |
|
| Air coireal no neamhnaidean cha luaidhear; oir tha luach gliocais os cionn nan clach as uaisle. |
|
| 19 |
|
| Cha choimeasar topas na h‑Etiopia rithe: leis an òr fhìorghlan cha mheasar i. |
|
| 20 |
|
| Cia as, matà, a thig gliocas? Agus càit a bheil ionad na tuigse? |
|
| 21 |
|
| Oir tha i am falach o shùilean nan uile bheò; agus o eunlaith an adhair tha i an cleith. |
|
| 22 |
|
| Thubhairt lèirsgrios agus am bàs, Le ar cluasan chuala sinn a cliù. |
|
| 23 |
|
| Tuigidh Dia a slighe, agus is aithne dha a h‑àite: |
|
| 24 |
|
| Oir gu crìochan na talmhainn amhaircidh esan; fo na nèamhan uile chì e: |
|
| 25 |
|
| A‑chum gun dèan e cudthrom den ghaoith, agus gun tomhais e na h‑uisgeachan le tomhas. |
|
| 26 |
|
| Nuair a rinn e reachd don uisge, agus slighe do dhealanach na tàirneanaich; |
|
| 27 |
|
| An sin chunnaic e i, agus dh’fhoillsich e i; dheasaich e i, seadh, agus rannsaich e a‑mach i. |
|
| 28 |
|
| Agus thubhairt e ris an duine, Feuch, eagal an Tighearna, is e sin gliocas; agus an t‑olc a thrèigsinn, tuigse. |
|
|
|
|