|
| 1 |
|
| An sin fhreagair an Tighearna Iob as a’ chuairt-ghaoith, agus thubhairt e, |
|
| 2 |
|
| Cò e seo a tha a’ dorchachadh comhairle le briathran gun eòlas? |
|
| 3 |
|
| Crioslaich a‑nis mar fhear do leasraidh, agus feòraichidh mi dhìot, agus freagair thusa mi. |
|
| 4 |
|
| Càit an robh thu nuair a leag mise bunaitean na talmhainn? Innis, ma tha tuigse agad. |
|
| 5 |
|
| Cò a shuidhich a thomhaisean, mas aithne dhut, no cò a shìn an t‑sreang-thomhais air? |
|
| 6 |
|
| Ciod air a bheil a bhunaitean air an daingneachadh, no cò a leag a chlach-oisinn, |
|
| 7 |
|
| Nuair a sheinn reultan na maidne cuideachd, agus a rinn uile mhic Dhè gàirdeachas? |
|
| 8 |
|
| No cò a dhruid a‑staigh an fhairge le dorsan nuair a bhris i a‑mach mar gun tigeadh i as a’ bhroinn; |
|
| 9 |
|
| Nuair a rinn mi neul na thrusgan dhi, agus tiugh dhorchadas na chrios-pasgaidh dhi; |
|
| 10 |
|
| Agus a bhris mi suas dhi m’àite suidhichte, agus a rinn mi dhi crannan agus dorsan; |
|
| 11 |
|
| Agus a thubhairt mi, Gu ruig seo thig thu, ach cha tig nas fhaide, agus an seo caisgear do thonnan uaibhreach? |
|
| 12 |
|
| O thoiseach do làithean an tug thu àithne don mhadainn? An tug thu fios a h‑àite don sgarthanaich? |
|
| 13 |
|
| A‑chum greim a ghabhail de chrìochan na talmhainn, agus gun crathte na h‑aingidh as. |
|
| 14 |
|
| Tionndaidhear e mar chriadh ris an t‑seula; agus seasaidh iadsan mar aodach. |
|
| 15 |
|
| Agus cumar an solas o na h‑aingidh, agus brisear an gàirdean àrd. |
|
| 16 |
|
| An deachaidh tu a‑steach gu tobraichean na fairge? No ann an rannsachadh an dubh-aigein an d’imich thu? |
|
| 17 |
|
| An d’fhosgladh geatachan a’ bhàis dhut? No am faca tu dorsan sgàil a’ bhàis? |
|
| 18 |
|
| An tug thu fa‑near leud na talmhainn? Innis, mas aithne dhut e uile. |
|
| 19 |
|
| Càit a bheil an t‑slighe anns an còmhnaich an solas? Agus an dorchadas, càit a bheil a ionad-san? |
|
| 20 |
|
| Gun gabhadh tu e ga chrìch, agus gum b’aithne dhut na ceuman a dh’ionnsaigh a thaighe? |
|
| 21 |
|
| An aithne dhut e, a chionn gun do rugadh tu an sin, no gu bheil àireamh do bhliadhnachan mòr? |
|
| 22 |
|
| An deachaidh tu a‑steach gu ionmhasan an t‑sneachda? No am faca tu ionmhasan na cloiche-meallain, |
|
| 23 |
|
| A thaisg mise fa chomhair aimsir na teanntachd, fa chomhair là a’ chatha agus a’ chogaidh? |
|
| 24 |
|
| Cia an rathad a dhealaichear an solas, a sgaoileas a’ ghaoth an ear air an talamh? |
|
| 25 |
|
| Cò a roinn sruth-chlais airson na tuile, agus slighe airson dealanach na tàirneanaich; |
|
| 26 |
|
| A thoirt air frasadh air an talamh far nach eil duine; air an fhàsach gun duine ann; |
|
| 27 |
|
| A shàsachadh an fhàsaich agus an dìthreibh, agus a thoirt air cinneas an luis mhaoith fàs suas? |
|
| 28 |
|
| A bheil athair aig an uisge? No cò a ghin braoin an drùchda? |
|
| 29 |
|
| A broinn cò an tàinig an eigh? Agus liath-reodhadh nan speur, cò a ghin e? |
|
| 30 |
|
| Mar chloich tha na h‑uisgeachan air an cruadhachadh, agus aghaidh na doimhne air reodhadh. |
|
| 31 |
|
| Am faod thusa cumhachdan milis Phleiades a cheangal, no ceanglaichean Orioin fhuasgladh? |
|
| 32 |
|
| An toir thu a‑mach Madsarot na àm? No an stiùir thu Arcturus maille ra mhic? |
|
| 33 |
|
| An aithne dhut reachdan nan nèamh? An suidhich thu an uachdaranachd air an talamh? |
|
| 34 |
|
| An tog thu suas a dh’ionnsaigh nan neul do ghuth, air chor is gun còmhdaich pailteas uisgeachan thu? |
|
| 35 |
|
| An cuir thu uat dealanaich, agus an tèid iad, agus an abair iad riut, Tha sinn an seo? |
|
| 36 |
|
| Cò a chuir gliocas anns an taobh a‑staigh? No cò a thug tuigse don chridhe? |
|
| 37 |
|
| Cò a dh’àireamhas na neòil an gliocas? No cò a chaisgeas searragan nan nèamh; |
|
| 38 |
|
| Nuair a dh’fhàsas an duslach na mheall cruaidh, agus a dhlùth-leanas na fòidean ri chèile? |
|
| 39 |
|
| An sealg thusa cobhartach don leòmhann bhoireann, agus an sàsaich thu cìocras nan leòmhann òga; |
|
| 40 |
|
| Nuair a chrùbas iad nan garaidhean, a dh’fhanas iad ann an sgàil a‑chum feall-fheitheimh? |
|
| 41 |
|
| Cò a sholaras don fhitheach a lòn? An uair a dh’èigheas an t‑àl òg aige ri Dia, thèid iad air iomrall a chion bìdh. |
|
|
|
|