|
| 1 |
|
| An tarraing thu a‑mach Lebhiatan le dubhan, no a theanga le còrd a leigeas tu sìos? |
|
| 2 |
|
| An cuir thu cromag na shròin, agus le deilg an toll thu a ghial? |
|
| 3 |
|
| An dèan e mòran aslachaidh ort? An labhair e briathran mìne riut? |
|
| 4 |
|
| An dèan e coicheangal riut? An gabh thu e mar sheirbhiseach gu bràth? |
|
| 5 |
|
| An dèan thu cluich ris mar ri eun? No an ceangail thu e dod ghruagaichean? |
|
| 6 |
|
| An dèan na companaich cuirm dheth? An roinn iad e am measg nan ceannaichean? |
|
| 7 |
|
| An lìon thu le gathan a chroiceann, no le morghathan èisg a cheann? |
|
| 8 |
|
| Cuir do làmh air, cuimhnich an cath, na dèan tuilleadh. |
|
| 9 |
|
| Feuch, is dìomhain a dhòchas-san: eadhon aig a shealladh nach tilgear duine sìos? |
|
| 10 |
|
| Nach borb e nuair a dhùisgeas neach e? Agus cò esan a sheasas na làthair? |
|
| 11 |
|
| Cò a ghabh romham, agus gun dìolainn? Gach nì a tha fo na nèamhan uile is leamsa e. |
|
| 12 |
|
| Cha cheil mi a bhuill, no a neart, no a dhealbh sgiamhach. |
|
| 13 |
|
| Cò a dh’fhoillsicheas aghaidh a aodaich? Cò a thig da ionnsaigh le a shrian dùbailte? |
|
| 14 |
|
| Cò a dh’fhosglas dorsan a aghaidh? Tha a fhiaclan uamhasach mun cuairt. |
|
| 15 |
|
| Is iad a lannan a uaill, dùinte suas le chèile mar le seula daingeann; |
|
| 16 |
|
| Aon air a cur ri aon eile, air chor is nach tig deò eatorra. |
|
| 17 |
|
| Tha iad air an tàthadh ri chèile, tha iad a’ dlùth-leantainn ri chèile, agus cha ghabh iad dealachadh. |
|
| 18 |
|
| Le a shitrich soillsichidh solas; agus tha a shùilean cosmhail ri rosgan na maidne. |
|
| 19 |
|
| As a bheul thèid leusan; leumaidh sradan teine a‑mach. |
|
| 20 |
|
| A cuinneinean a shròine thig deatach a‑mach, mar à poit air ghoil, no coire. |
|
| 21 |
|
| Lasaidh a anail gual, agus thèid lasair a‑mach as a bheul. |
|
| 22 |
|
| Na mhuineal còmhnaichidh neart, agus roimhe ruithidh bròn. |
|
| 23 |
|
| Tha fillidhean a fheòla a’ leantainn ri chèile: tha iad daingeann annta fhèin, cha ghabh iad gluasad. |
|
| 24 |
|
| Tha a chridhe cruaidh mar chloich, cruaidh eadhon mar chloich-mhuilinn ìochdaraich. |
|
| 25 |
|
| Nuair a thogas e e fhèin suas, bidh na cumhachdaich fo gheilt: air eagal brisidh glanaidh iad iad fhèin. |
|
| 26 |
|
| Cha seas claidheamh an tì a bheanas ris; an t‑sleagh, an gath, no lùireach. |
|
| 27 |
|
| Measaidh e mar chonnlaich an t‑iarann, mar fhiodh grod an t‑umha. |
|
| 28 |
|
| Cha toir an t‑saighead air teicheadh; nan connlaich tionndaidhear leis clachan a’ chroinn-tabhaill. |
|
| 29 |
|
| Mar chonnlaich measar gathan; agus nì e gàire ri crathadh sleagha. |
|
| 30 |
|
| Foidhe tha clachan geura: sgaoilidh e nithean geura air an làthaich. |
|
| 31 |
|
| Bheir e air an doimhne a bhith air ghoil mar choire: an fhairge nì e mar phoit ola-ungaidh. |
|
| 32 |
|
| Na dhèidh bheir e air a shlighe soillseachadh: saoilidh neach an t‑aigean a bhith liath. |
|
| 33 |
|
| Air thalamh chan eil a shamhail, a rinneadh as eugmhais eagail. |
|
| 34 |
|
| Chì e gach nì àrd: tha e na rìgh os cionn uile chlann an uabhair. |
|
|
|
|