Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| Molaibh-se an Tighearna. Bheir mise cliù don Tighearna lem uile chridhe, ann an coinneamh nam fìrean agus anns a’ choitheanal. |
| 2 |
| Tha gnìomharan an Tighearna mòr; rannsaichear iad leòsan uile aig a bheil tlachd annta. |
| 3 |
| Urramach agus glòrmhor tha a obair-san; mairidh a fhìreantachd gu bràth. |
| 4 |
| Chuir e a ghnìomharan iongantach air chuimhne; gràsmhor agus truacanta tha an Tighearna. |
| 5 |
| Thug e lòn dhaibhsan don eagal e; cuimhnichidh e gu bràth a choicheangal. |
| 6 |
| Chuir e neart a obrach an cèill da shluagh, le oighreachd nan cinneach a thabhairt dhaibh. |
| 7 |
| Is iad fìrinn agus ceartas gnìomharan a làmh; tha a àitheantan-san uile fìor. |
| 8 |
| Seasmhach tha iad gu saoghal nan saoghal, dèante ann am fìrinn agus ann an ceartas. |
| 9 |
| Chuir e saorsa a dh’ionnsaigh a shluaigh; dh’àithn e a choicheangal gu bràth; is naomh agus urramach a ainm-san. |
| 10 |
| Is e eagal an Tighearna toiseach a’ ghliocais; tha deagh thuigse acasan uile a nì a àitheantan-san; mairidh a chliù gu bràth. |
| Save Notes |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/psalms/111.mp3
150
111