×

Bìoball Gàidhlig 1992

Salm 113

1
Molaibh-se an Tighearna. Molaibh, O sibhse òglacha an Tighearna, molaibh ainm an Tighearna.
2
Guma beannaichte ainm an Tighearna, on àm seo agus gu bràth.
3
O èirigh na grèine gu ruig a laighe, is ionmholta ainm an Tighearna.
4
Ard os cionn nan cinneach uile tha an Tighearna, os cionn nan nèamh a ghlòir.
5
Cò as cosmhail ris an Tighearna ar Dia, a tha na chòmhnaidh shuas,
6
A dh’ìslicheas e fhèin gu amharc air na nithean a tha anns na nèamhan, agus air an talamh?
7
Togaidh e am bochd on duslach; on òtraich àrdaichidh e an t‑ainnis,
8
A‑chum a chur na shuidhe le àrd-uaislean, le àrd-uaislean a shluaigh.
9
Bheir e air a’ mhnaoi a tha gun sliochd còmhnaidh a ghabhail ann an taigh, na màthair ait cloinne.
Gaelic Bible (ABG) 1992
Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 Scottish Bible Society 1992, 2017
:
Save Notes