×

Bìoball Gàidhlig 1992

Salm 114

1
Molaibh-se an Tighearna. Nuair a thàinig Israel a‑mach as an Eiphit, taigh Iàcoib o shluagh coimheach,
2
Bha Iùdah dha mar a chòmhnaidh naomh, Israel mar a thighearnas.
3
Chunnaic an cuan, agus theich e; thionndaidh Iòrdan air a h‑ais.
4
Leum na beanntan mar reitheachan, na cnuic mar uain.
5
Ciod, a chuain, a thug ort teicheadh; a Iòrdain, a thug ort tionndadh air d’ais?
6
A bheanntan, a thug oirbh leum mar reitheachan; a chnocan, mar uain?
7
Criothnaich, a thalaimh, an làthair an Tighearna, an làthair Dia Iàcoib,
8
A thionndaidheas a’ charraig gu linne uisge, an ailbhinn gu tobar uisge!
Gaelic Bible (ABG) 1992
Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 Scottish Bible Society 1992, 2017
:
Sàbhail na notaichean