×

Bìoball Gàidhlig 1992

Salm 124

1
Laoidh nan ceum, le Daibhidh. Mura biodh an Tighearna leinn, abradh Israel a‑nis;
2
Mura biodh an Tighearna leinn, nuair a dh’èirich daoine nar n‑aghaidh;
3
An sin shluigeadh iad beò sinn, nuair a las am fearg nar n‑aghaidh;
4
An sin thigeadh tuiltean uisgeachan tharainn, rachadh an sruth thar ar n‑anam;
5
An sin rachadh na h‑uisgeachan uaibhreach thar ar n‑anam.
6
Beannaichte gu robh an Tighearna, nach tug sinn mar chreich dam fiaclan.
7
Chaidh ar n‑anam as mar eun a ribe nan eunadair; bhriseadh an ribe, agus chaidh sinn as.
8
Tha ar cobhair ann an ainm an Tighearna, a rinn nèamh agus talamh.
Gaelic Bible (ABG) 1992
Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 Scottish Bible Society 1992, 2017
:
Save Notes