×

Bìoball Gàidhlig 1992

Salm 125

1
Laoidh nan ceum. Bidh iadsan a dh’earbas as an Tighearna mar shliabh Shioin, nach caraichear, ach a mhaireas gu sìorraidh.
2
Mar a tha na beanntan mu thimcheall Ierusaleim, mar sin tha an Tighearna mu thimcheall a shluaigh, on àm seo agus gu bràth.
3
Oir cha ghabh slat nan daoi tàmh air crannchur nam fìrean, air eagal gun sìneadh na fìreanan an làmhan a‑chum euceirt.
4
Dèan math, a Thighearna, dhaibh-san a tha math, agus dhaibhsan a tha ionraic nan cridhe.
5
Ach iadsan a thèid a thaobh dan slighean claona, iomainidh an Tighearna a‑mach le luchd-dèanamh an uilc. Sìth gu robh air Israel!
Gaelic Bible (ABG) 1992
Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 Scottish Bible Society 1992, 2017
:
Sàbhail na notaichean