Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| Laoidh nan ceum. Nuair a thug an Tighearna air ais braighdeanas Shioin, bha sinn mar dhaoine a chunnaic aisling. |
| 2 |
| An sin lìonadh ar beul le gàire agus ar teanga le luathghaire; an sin thubhairt iad am measg nan cinneach, Rinn an Tighearna nithean mòra air an son. |
| 3 |
| Rinn an Tighearna nithean mòra air ar son-ne; bha sinn aoibhneach. |
| 4 |
| Till a‑rìs, a Thighearna, ar braighdeanas, mar shruthan anns an àird a deas. |
| 5 |
| Iadsan a chuireas sìol le deòir, buainidh iad le gàirdeachas. |
| 6 |
| Esan a thèid a‑mach agus a ghuileas, ag iomchar rogha sìl, gu cinnteach thig e a‑rìs le gàirdeachas, ag iomchar a sguab. |
| Sàbhail na notaichean |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/psalms/126.mp3
150
126