×

Bìoball Gàidhlig 1992

Salm 128

1
Laoidh nan ceum. Is beannaichte gach neach air am bi eagal an Tighearna, a ghluaiseas na shlighean.
2
Oir ithidh tu toradh do làmh; sona bidh tu, agus èiridh gu math dhut.
3
Bidh do bhean mar fhìonain tharbhaich làimh ri taobhan do thaighe, do chlann mar chroinn-ola mu thimcheall do bhùird.
4
Feuch, mar seo beannaichear an duine air am bi eagal an Tighearna.
5
Beannaichidh an Tighearna thu a Sion, agus chì thu math Ierusaleim rè uile làithean do bheatha.
6
Seadh, chì thu clann do chloinne, agus sìth air Israel.
Gaelic Bible (ABG) 1992
Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 Scottish Bible Society 1992, 2017
:
Save Notes