Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| Molaibh an Tighearna; molaibh ainm an Tighearna, molaibh-se, òglacha an Tighearna. |
| 2 |
| Sibhse a sheasas ann an taigh an Tighearna, ann an cùirtean taigh ar Dè, |
| 3 |
| Molaibh an Tighearna, oir tha an Tighearna math; seinnibh cliù da ainm, oir tha e taitneach. |
| 4 |
| Oir roghnaich an Tighearna Iàcob dha fhèin, Israel mar a ionmhas sònraichte. |
| 5 |
| Oir tha fhios agam gur mòr an Tighearna agus gu bheil ar Tighearna os cionn nan uile dhiathan. |
| 6 |
| Ge bè nì a bu toigh leis an Tighearna, rinn e air nèamh agus air talamh, anns na cuantan agus anns na doimhneachdan uile. |
| 7 |
| Is esan a bheir air a’ cheò dol suas o chrìch na talmhainn, a nì dealanach le uisge, a bheir a‑mach a’ ghaoth as a ionadan-tasgaidh, |
| 8 |
| A bhuail ciad-ghin na h‑Eiphit, araon duine agus ainmhidh, |
| 9 |
| A chuir comharraidhean agus iongantasan ann ad mheadhon, O Eiphit, air Phàraoh agus air a òglaich gu lèir, |
| 10 |
| A bhuail cinnich mhòra, agus a mharbh rìghrean mòra, |
| 11 |
| Sihon rìgh nan Amorach, agus Og rìgh Bhasain, agus uile rìoghachdan Chanàain, |
| 12 |
| Agus a thug am fearann mar oighreachd, mar oighreachd do Israel a shluagh. |
| 13 |
| Mairidh d’ainm-sa, a Thighearna, gu bràth; do chuimhne, a Thighearna, o linn gu linn. |
| 14 |
| Oir bheir an Tighearna breith air a shluagh, agus gabhaidh e aithreachas a‑thaobh a sheirbhiseach. |
| 15 |
| Is airgead agus òr iodhalan nan cinneach, obair làmhan dhaoine. |
| 16 |
| Tha beòil aca, ach cha labhair iad; sùilean aca, ach chan fhaic iad. |
| 17 |
| Tha cluasan aca, ach cha chluinn iad; cha mhò a tha anail nam beul. |
| 18 |
| Cosmhail riu fhèin tha iadsan a nì iad, gach neach a dh’earbas asda. |
| 19 |
| A thaigh Israeil, beannaichibh an Tighearna; a thaigh Aaroin, beannaichibh an Tighearna. |
| 20 |
| A thaigh Lèbhi, beannaichibh an Tighearna; sibhse air a bheil eagal an Tighearna, beannaichibh an Tighearna. |
| 21 |
| Beannaichte gu robh an Tighearna à Sion, aig a bheil a chòmhnaidh ann an Ierusalem. Molaibh-se an Tighearna. |
|
| Sàbhail na notaichean |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/psalms/135.mp3
150
135