Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| Làimh ri aibhnichean Bhàbiloin, an sin shuidh agus ghuil sinn, nuair a chuimhnich sinn air Sion. |
| 2 |
| Air na croinn-seilich na meadhon, chroch sinn ar clàrsaichean; |
| 3 |
| Oir an sin dh’iarr iadsan a thug ann am braighdeanas sinn, òran oirnn; agus dh’iarr iadsan a rinn fògarraich dhinn aoibhneas oirnn, ag ràdh, Seinnibh dhuinn aon de laoidhean Shioin. |
| 4 |
| Cionnas a sheinneas sinne laoidh an Tighearna ann an tìr choimhich? |
| 5 |
| Ma dhìochuimhnicheas mise thusa, a Ierusaleim, dìochuimhnicheadh mo làmh dheas a seòltachd. |
| 6 |
| Leanadh mo theanga rim ghial, mura cuimhnich mi ort, mura fheàrr leam Ierusalem na m’aoibhneas as àirde. |
| 7 |
| Cuimhnich, a Thighearna, clann Edoim ann an là Ierusaleim, a thubhairt, Leagaibh, leagaibh sìos i gu ruig a bunait. |
| 8 |
| A nighean Bhàbiloin, a lom-sgriosar, is sona esan a dhìolas dhutsa a rèir mar a rinn thu oirnne; |
| 9 |
| Is sona esan a ghlacas agus a phronnas do chlann bheag ris na clachan. |
| Save Notes |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/psalms/137.mp3
150
137