Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| Salm le Daibhidh. Molaidh mi thu, a Thighearna, lem uile chridhe; an làthair nan diathan seinnidh mi cliù dhut. |
| 2 |
| Sleuchdaidh mi aig do theampall naomh, agus molaidh mi d’ainm airson do choibhneas gràidh agus airson d’fhìrinn, oir dh’àrdaich thu d’fhacal os cionn d’ainme uile. |
| 3 |
| Anns an là air an do ghlaodh mi riut, fhreagair thu mi; neartaich thu mi le treòir am anam. |
| 4 |
| Molaidh uile rìghrean na talmhainn thu, a Thighearna, nuair a chluinneas iad briathran do bheòil; |
| 5 |
| Agus seinnidh iad ann an slighean an Tighearna, oir is mòr glòir an Tighearna. |
| 6 |
| Ge h‑àrd an Tighearna, gidheadh seallaidh e air an iriosal, ach aithnichidh e an t‑uaibhreach fad as. |
| 7 |
| Ged ghluais mi ann am meadhon àmhghair, ath-bheothaichidh tu mi; an aghaidh corraich mo naimhdean sìnidh tu do làmh, agus saoraidh do dheaslàmh mi. |
| 8 |
| Coileanaidh an Tighearna air mo shon; mairidh do thròcair, a Thighearna, gu bràth; na trèig obraichean do làmh. |
| Save Notes |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/psalms/138.mp3
150
138