×

Bìoball Gàidhlig 1992

Salm 142

1
Maschil le Daibhidh. Ùrnaigh nuair a bha e anns an uaimh. Lem ghuth ghlaodh mi ris an Tighearna; lem ghuth dh’aslaich mi air an Tighearna.
2
Thaom mi mo ghearan na làthair; chuir mi an cèill mo theinn na fhianais.
3
Nuair a chlaoidheadh mo spiorad annam, b’aithne dhutsa mo cheum; anns an t‑slighe air an d’imich mi, dh’fhalaich iad ribe dhomh.
4
Dh’amhairc mi air mo làimh dheis, agus feuch, cha robh fear ann dom b’aithne mi; thrèig cobhair mi; cha robh neach ann a dh’fheòraicheadh airson m’anama.
5
Ghlaodh mi riut, a Thighearna; thubhairt mi, Is tu mo thèarmann, mo chuibhreann ann an tìr nam beò.
6
Thoir an aire dom ghlaodh, oir dh’ìslicheadh mi gu mòr; saor mi uapasan a tha an tòir orm, oir is treasa iad na mi.
7
Thoir m’anam à prìosan, a‑chum gum mol mi d’ainm; cuartaichidh na fìreanan mi; oir buinidh tu gu fial rium.
Gaelic Bible (ABG) 1992
Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 Scottish Bible Society 1992, 2017
:
Save Notes