|
| 1 |
|
| Laoidh-mholaidh le Daibhidh. Ardaichidh mi thu, mo Dhia, mo Rìgh, agus beannaichidh mi d’ainm gu saoghal nan saoghal. |
|
| 2 |
|
| Gach là beannaichidh mi thu, agus molaidh mi d’ainm gu saoghal nan saoghal. |
|
| 3 |
|
| Is mòr an Tighearna, agus is ro‑airidh e air moladh; agus chan fhaodar a mhòrachd a rannsachadh. |
|
| 4 |
|
| Molaidh àl do àl do ghnìomharan, agus cuiridh iad an cèill d’obraichean cumhachdach. |
|
| 5 |
|
| Air urram glòir do mhòrachd agus air d’obraichean iongantach labhraidh mi; |
|
| 6 |
|
| Agus labhraidh daoine air neart do bheartan uamhasach, agus aithrisidh mise do mhòrachd. |
|
| 7 |
|
| Cuiridh iad an cèill gu pailt cuimhne do mhaitheis mhòir, agus àrd-mholaidh iad d’fhìreantachd. |
|
| 8 |
|
| Is gràsmhor agus truacanta an Tighearna, mall a‑chum feirge agus pailt ann an tròcair. |
|
| 9 |
|
| Is math an Tighearna do na h‑uile, agus tha a chaomh-thròcairean os cionn a obrach uile. |
|
| 10 |
|
| Molaidh d’obraichean gu lèir thu, a Thighearna, agus beannaichidh do naoimh thu. |
|
| 11 |
|
| Air glòir do rìoghachd labhraidh iad, agus cuiridh iad an cèill do chumhachd, |
|
| 12 |
|
| A‑chum a bheartan iongantach a dhèanamh aithnichte do chloinn nan daoine, agus glòir mòralachd a rìoghachd. |
|
| 13 |
|
| Is rìoghachd shìorraidh do rìoghachd-sa, agus mairidh d’uachdaranachd air feadh nan uile ghinealach. |
|
| 14 |
|
| Tha an Tighearna fìrinneach na uile bhriathran, agus naomh na uile ghnìomharan. |
|
| 15 |
|
| Cumaidh an Tighearna suas iadsan uile a tha a’ tuiteam, agus togaidh e an àird iadsan uile a tha air cromadh sìos. |
|
| 16 |
|
| Tha sùilean nan uile a’ feitheamh ort, agus bheir thu dhaibh am biadh na thràth. |
|
| 17 |
|
| Tha thu a’ fosgladh do làmh, agus a’ sàsachadh miann gach nì beò. |
|
| 18 |
|
| Tha an Tighearna ceart na uile shlighean, agus naomh na uile ghnìomharan. |
|
| 19 |
|
| Is dlùth an Tighearna dhaibhsan uile a ghairmeas air, dhaibhsan uile a ghairmeas air ann am fìrinn. |
|
| 20 |
|
| Coileanaidh e miann na dream don eagal e, agus èisdidh e rin glaodh, agus saoraidh e iad. |
|
| 21 |
|
| Gleidhidh an Tighearna iadsan uile a ghràdhaicheas e, ach sgriosaidh e na h‑aingidh gu lèir. |
|
| 22 |
|
| Air cliù an Tighearna labhraidh mo bheul, agus beannaichidh gach feòil a ainm gu saoghal nan saoghal. |
|
|
|
|