|
| 1 |
|
| Molaibh-se an Tighearna, oir is math an nì a bhith a’ tabhairt cliù dar Dia, oir tha e taitneach, agus tha moladh ciatach. |
|
| 2 |
|
| Togaidh an Tighearna suas Ierusalem; cruinnichidh e ri chèile dìobaraich Israeil. |
|
| 3 |
|
| Lèighsidh e iadsan aig a bheil cridhe briste, agus ceanglaidh e suas an leòntan. |
|
| 4 |
|
| Innsidh e àireamh nan rionnag; bheir e ainmean orra uile. |
|
| 5 |
|
| Is mòr an Tighearna, agus is mòr a chumhachd; tha a thuigse gun tomhas. |
|
| 6 |
|
| Togaidh an Tighearna suas na daoine ciùine; tilgidh e sìos na h‑aingidh gu làr. |
|
| 7 |
|
| Seinnibh don Tighearna le buidheachas; seinnibh moladh dar Dia-ne air a’ chlàrsaich; |
|
| 8 |
|
| A dh’fhalaicheas nèamh le neòil, a dh’ullaicheas uisge don talamh, a bheir air feur fàs suas air na slèibhtean. |
|
| 9 |
|
| Bheir esan a bhiadh don ainmhidh, do na fithich òga a ghoireas. |
|
| 10 |
|
| Ann an neart an eich cha bhi a dhùil; ann an casan fir cha ghabh e tlachd. |
|
| 11 |
|
| Gabhaidh an Tighearna tlachd anntasan don eagal e, a chuireas an dòigh na thròcair. |
|
| 12 |
|
| Mol an Tighearna, a Ierusaleim; mol do Dhia, a Shion; |
|
| 13 |
|
| Oir neartaich e cruinn do gheatachan; bheannaich e do chlann an taobh a‑staigh dhìot. |
|
| 14 |
|
| Nì e sìth ad chrìochan; sàsaichidh e thu le smior a’ chruithneachd. |
|
| 15 |
|
| Cuiridh e a‑mach a àithne air thalamh; gu luath ruithidh a fhacal. |
|
| 16 |
|
| Bheir e sneachd mar olainn; sgaoilidh e an liath-reodhadh mar luaithre. |
|
| 17 |
|
| Tilgidh e a‑mach a eigh mar ghreamannan; cò a dh’fhaodas seasamh fa chomhair a fhuachd? |
|
| 18 |
|
| Cuiridh e a‑mach a fhacal, agus leaghaidh e iad; sèididh a’ ghaoth, sruthaidh na h‑uisgeachan. |
|
| 19 |
|
| Foillsichidh e a fhacal do Iàcob, a reachdan agus a bhreitheanais do Israel. |
|
| 20 |
|
| Cha do bhuin e mar seo ri cinneach sam bith; cha mhò a b’aithne dhaibh a bhreitheanais. Molaibh-se an Tighearna. |
|
|
|
|