×

Bìoball Gàidhlig 1992

Salm 149

1
Molaibh-se an Tighearna. Seinnibh don Tighearna òran nuadh, seinnibh a mholadh ann an coitheanal nan naomh.
2
Biodh Israel aoibhneach na Chruithear; dèanadh clann Shioin gàirdeachas nan Rìgh.
3
Moladh iad a ainm anns an dannsa; le tiompan agus le clàrsaich seinneadh iad dha.
4
Oir gabhaidh an Tighearna tlachd na shluagh; nì e na daoine sèimhe sgiamhach le slàinte.
5
Dèanadh na naoimh gàirdeachas ann an glòir; dèanadh iad iolach air an leapaichean.
6
Biodh àrd-chliù Dhè nam beul, agus claidheamh dà fhaobhair nan làimh,
7
A‑chum dìoghaltas a dhèanamh air na cinnich, smachdachadh goirt air na slòigh;
8
A‑chum an rìghrean a cheangal le slabhraidhean, agus an àrd-uaislean le geimhlean iarainn;
9
A‑chum am breitheanas a tha sgrìobhte a chur an gnìomh orra; tha an t‑urram seo aig a naoimh uile. Molaibh-se an Tighearna.
Gaelic Bible (ABG) 1992
Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 Scottish Bible Society 1992, 2017
:
Sàbhail na notaichean