Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| Michtam le Daibhidh. Glèidh mi, a Dhè, oir chuir mi mo dhòigh annad. |
| 2 |
| Thubhairt mi ri Iehòbhah, Is tu mo Thighearna; cha ruig mo mhaitheas ortsa. |
| 3 |
| A‑thaobh nan naomh a tha air thalamh agus nam flath, tha mo thlachd uile annta. |
| 4 |
| Meudaichear an doilgheasan dhaibhsan a nì deifir an dèidh dhiathan eile; chan ìobair mi an ìobairtean-dibhe de fhuil, agus cha luaidh mi air an ainmean lem bhilean. |
| 5 |
| Is e an Tighearna cuibhreann m’oighreachd agus mo chupain; is tusa a chumas suas mo chrannchur. |
| 6 |
| Thuit mo roinn dhòmhsa ann an ionadan aoibhneach; seadh, tha oighreachd thaitneach agam. |
| 7 |
| Beannaichidh mise an Tighearna, a thug comhairle orm; tha m’àirnean mar an ceudna gam theagasg an àm na h‑oidhche. |
| 8 |
| Chuir mi an Tighearna romham a‑ghnàth; a chionn gu bheil e air mo dheaslàimh, cha ghluaisear mi. |
| 9 |
| Uime sin nì mo chridhe aoibhneas, agus nì mo ghlòir gàirdeachas; gabhaidh m’fheòil mar an ceudna fois ann an dòchas. |
| 10 |
| Oir chan fhàg thu m’anam anns an uaigh; cha leig thu led aon naomh truaillidheachd fhaicinn. |
| 11 |
| Feuchaidh tu dhomh slighe na beatha; tha lànachd aoibhneis ad làthair-sa; tha mòr-shubhachas aig do dheaslàimh gu sìorraidh. |
| Save Notes |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/psalms/016.mp3
150
16