Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| Don àrd-fhear-ciùil. Salm le Daibhidh. Gun èisdeadh an Tighearna riut ann an là teanntachd! Gun cumadh ainm Dia Iàcoib suas thu! |
| 2 |
| Gun cuireadh e cobhair thugad as a ionad naomh, agus à Sion gun neartaicheadh e thu! |
| 3 |
| Gun cuimhnicheadh e do thabhartasan uile, agus gun gabhadh e gu taitneach uat d’ìobairt-loisgte! Selah. |
| 4 |
| Gun tugadh e dhut a rèir do chridhe fhèin, agus gun coileanadh e do chomhairle uile! |
| 5 |
| Nì sinne aoibhneas ann ad shlàinte, agus ann an ainm ar Dè‑ne togaidh sinn suas ar bratach. Gun coileanadh Dia d’iarrtasan uile! |
| 6 |
| A‑nis tha fhios agam gun saor an Tighearna a aon ungte fhèin; èisdidh e ris o nèamhan a naomhachd, le neart-saoraidh a dheaslàimh. |
| 7 |
| Earbaidh cuid à carbadan, agus cuid à eich, ach cuimhnichidh sinne ainm an Tighearna ar Dia. |
| 8 |
| Dh’ìslicheadh iadsan, agus thuit iad; ach dh’èirich sinne, agus sheas sinn. |
| 9 |
| Saor an rìgh, a Thighearna, agus èisd rinn anns an là anns an gairm sinn. |
| Sàbhail na notaichean |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/psalms/020.mp3
150
20