Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| Don àrd-fhear-ciùil. Salm le Daibhidh. Ann ad neart, a Thighearna, nì an rìgh aoibhneas; agus ann ad shlàinte cia mòr an gàirdeachas a nì e! |
| 2 |
| Miann a chridhe thug thu dha, agus athchuinge a bhilean cha do dhiùlt thu dha. Selah. |
| 3 |
| Oir ghabh thu roimhe le beannachadh do mhaitheis; chuir thu ma cheann coron de òr fìorghlan. |
| 4 |
| Dh’iarr e beatha ort; thug thu dha fad làithean gu saoghal nan saoghal. |
| 5 |
| Is mòr a ghlòir trìd do shlàinte-sa; urram agus mòralachd chuir thu air. |
| 6 |
| Oir rinn thu e ro‑bheannaichte gu bràth; rinn thu e ro‑aoibhneach led ghnùis. |
| 7 |
| Oir earbaidh an rìgh as an Tighearna, agus trìd tròcair an Tì as àirde, cha ghluaisear e. |
| 8 |
| Gheibh do làmh a‑mach do naimhdean uile; gheibh do dheaslàmh a‑mach iadsan lem fuathach thu. |
| 9 |
| Nì thu iad mar àmhainn theinntich ann an àm d’fheirge; sluigidh an Tighearna sìos iad na chorraich, agus caithidh an teine iad. |
| 10 |
| An toradh sgriosaidh tu on talamh, agus an sliochd o chloinn nan daoine. |
| 11 |
| Oir dhealbh iad olc ad aghaidh; smaoinich iad droch smuaintean, nach b’urrainn iad a choileanadh. |
| 12 |
| Uime sin bheir thu orra an cùl a thionndadh; air sreangan do bhogha gleusaidh tu do shaighdean nan aghaidh. |
| 13 |
| Bi air d’àrdachadh, a Thighearna, ann ad neart; seinnidh sinne agus molaidh sinn do chumhachd. |
|
| Sàbhail na notaichean |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/psalms/021.mp3
150
21