Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| Salm le Daibhidh. Is leis an Tighearna an talamh agus a làn, an domhan agus iadsan a tha nan còmhnaidh ann. |
| 2 |
| Oir shuidhich e air na cuantan e, agus shocraich e air na sruthan e. |
| 3 |
| Cò a thèid suas gu sliabh an Tighearna, agus cò a sheasas na ionad naomh-san? |
| 4 |
| Esan aig a bheil làmhan neochiontach agus cridhe glan, nach do thog a anam ri dìomhanas, agus nach do mhionnaich a‑chum ceilge. |
| 5 |
| Gheibh esan beannachadh on Tighearna, agus fìreantachd o Dhia a shlàinte. |
| 6 |
| Is e seo ginealach na dream a dh’iarras e, a dh’iarras do ghnùis, a Dhia Iàcoib. Selah. |
| 7 |
| Togaibh, a gheatachan, ur cinn, agus bithibh air ur togail suas, a dhorsan sìorraidh, agus thig Rìgh na glòire a‑steach. |
| 8 |
| Cò e seo Rìgh na glòire? An Tighearna làidir agus treun, an Tighearna treun ann an cath. |
| 9 |
| Togaibh suas ur cinn, a gheatachan, agus bithibh air ur togail suas, a dhorsan sìorraidh, agus thig Rìgh na glòire a‑steach. |
| 10 |
| Cò e seo Rìgh na glòire? Tighearna nan slògh, is esan Rìgh na glòire. Selah. |
| Save Notes |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/psalms/024.mp3
150
24