×

Bìoball Gàidhlig 1992

Salm 26

1
Le Daibhidh. Thoir breith orm, a Thighearna, oir ghluais mi ann an ionracas; o chuir mi mo dhòigh anns an Tighearna, cha ghluaisear mi.
2
Fidir mi, a Thighearna, agus dearbh mi; rannsaich m’àirnean agus mo chridhe;
3
Oir tha do choibhneas gràdhach fa chomhair mo shùl, agus ghluais mi ann ad fhìrinn.
4
Cha do shuidh mi le daoine mealltach, agus maille ri luchd-ceilge cha tèid mi a‑steach.
5
Is beag orm coitheanal luchd-uilc, agus le daoine aingidh cha suidh mi.
6
Nighidh mi mo làmhan ann an neochiontas, agus cuartaichidh mi d’altair, a Thighearna,
7
A‑chum gum foillsich mi le guth molaidh agus gun cuir mi an cèill d’obraichean iongantach gu lèir.
8
A Thighearna, is ionmhainn leam còmhnaidh do thaighe-sa, agus ionad pàillean do ghlòire.
9
Na cruinnich m’anam le peacaich, no mo bheatha le daoine fuileachdach,
10
Aig a bheil lochd nan làmhan, agus an làmh dheas làn de dhuais-bhratha.
11
Ach gluaisidh mise ann an ionracas; saor mi, agus dèan tròcair orm.
12
Tha mo chas na seasamh ann an ionad còmhnard; anns na coitheanalan beannaichidh mi an Tighearna.
Gaelic Bible (ABG) 1992
Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 Scottish Bible Society 1992, 2017
:
Save Notes