×

Bìoball Gàidhlig 1992

Salm 28

1
Le Daibhidh. Riutsa, a Thighearna, èighidh mi, mo charraig; na bi‑sa ad thosd am thaobh, air eagal, ma bhios tu ad thosd am thaobh, gum fàs mi cosmhail riùsan a thèid sìos don uaigh.
2
Eisd ri guth m’athchuingean nuair a ghlaodhas mi riut, an uair a thogas mi mo làmhan a‑chum do ghuth-àite naoimh-sa.
3
Na tarraing mi a‑mach leis na h‑aingidh, agus le luchd-dèanamh na h‑eucoir, a tha a’ labhairt sìth rin coimhearsnaich agus olc aca nan cridhe.
4
Thoir dhaibh a rèir an obrach, agus a rèir aingidheachd an gnìomharan; a rèir obair an làmh thoir dhaibh; ìoc an luigheachd dhaibh.
5
A chionn nach toir iad an aire do ghnìomharan an Tighearna no do obair a làmh, sgriosaidh e iad agus cha tog e suas iad.
6
Beannaichte gu robh an Tighearna, a chionn gun d’èisd e ri guth m’athchuinge.
7
Is e an Tighearna mo neart agus mo sgiath; annsan chuir mo chridhe a dhòchas, agus chuidicheadh leam; uime sin rinn mo chridhe gàirdeachas, agus lem laoidh molaidh mi e.
8
Is e an Tighearna neart a shluaigh, agus is esan neart slàinte a aoin ungte fhèin.
9
Saor do shluagh agus beannaich d’oighreachd; beathaich iad agus àrdaich iad gu bràth.
Gaelic Bible (ABG) 1992
Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 Scottish Bible Society 1992, 2017
:
Save Notes