Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| Le Daibhidh. Maschil. Is beannaichte esan don do mhaitheadh a easaontas, da bheil a pheacadh air a fhalach. |
| 2 |
| Is beannaichte an duine nach cuir an Tighearna euceart as a leth, agus aig nach eil cealg na spiorad. |
| 3 |
| Nuair a bha mi am thosd, laigh aois air mo chnàmhan lem bhùireadh fad an là. |
| 4 |
| Oir a là agus a dh’oidhche bha do làmh trom orm; tha mo bhrìgh air a h‑atharrachadh gu tiormachd an t‑samhraidh. Selah. |
| 5 |
| Dh’aidich mi mo pheacadh dhut, agus cha do cheil mi m’euceart. Thubhairt mi, Aidichidh mi m’easaontais don Tighearna, agus mhaith thusa cionta mo pheacaidh. Selah. |
| 6 |
| Air an adhbhar sin nì gach duine diadhaidh ùrnaigh riutsa anns an àm anns am faighear thu: gu cinnteach ann an tuil nan uisgeachan mòra, cha tig iad am fagas dha. |
| 7 |
| Tha thusa ad ionad-falaich dhomh; o theinn gleidhidh tu mi; le òrain shaorsa cuartaichidh tu mi. Selah. |
| 8 |
| Fìor-theagaisgidh mi thu, agus nochdaidh mi dhut an t‑slighe air an tigeadh dhut triall; seòlaidh mi dhut lem shùil. |
| 9 |
| Na bi mar each no mar mhuileid aig nach eil ciall, don cuirear sparrag agus srian nam beul, a‑chum nach tig iad am fagas dhut. |
| 10 |
| Is lìonmhor doilgheasan don aingidh, ach cuartaichidh tròcair esan a dh’earbas as an Tighearna. |
| 11 |
| Bithibh aoibhneach anns an Tighearna, agus dèanaibh gàirdeachas, sibhse a fhìreanan; agus dèanaibh luathghaire, sibhse uile a tha ceart ann an cridhe. |
| Save Notes |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/psalms/032.mp3
150
32